Airgead nan othaisgean a' tighinn

Caoraich
Image caption Chaidh ìsleachadh a thoirt air an ìre phàighidh air sgàth 's gun do chuir uimhir a-staigh air a shon.

Gheibh croitearan agus tuathanaich pàigheadh bho sgeama nan othaisgean an ceann là neo dhà, ach cha bhi e cho mòr 's a bha dùil.

Chaidh an sgeama a thoirt a-steach am-bliadhna airson daoine a bhrosnachadh a bhith a' cumail stuic sna monaidhean agus ann an sgìrean iomallach.

Nuair a chaidh an sgeama a dhealbh an toiseach an-uiridh chaidh €100 a ghealltainn airson gach uain bhoireann a dheadh a gheamhrachadh - le €8m ga chomharrachadh airson an sgeama air fad - ach chuir barrachd a-steach air a shon na bhathas an dùil.

Fàgaidh sin gur e €78 a gheibhear airson gach beathach.

Tha Aonadh nan Tuathanach air grunn mholaidhean a chur air adhart mu mar a ghabhadh an sgeama atharrachadh, an leithid a bhith a' cuingealachadh na gheibh gach duine de dh'airgead bhon sgeama.

Thuirt iad gu bheil iad tamailteach nach eil an ìre phàighidh cho àrd 's a bhathas a' sùileachadh agus gum bruidhinn iad ri Riaghaltas na h-Alba mun sgeama anns na seachdainnean ri thighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo