Ceann-là airson ionadan-stiùiridh a dhùnadh

Ionad-stìùiridh Image copyright SFRS
Image caption Dùinidh ionadan Inbhir Nis agus Obar Dheathain tràth an ath-bhliadhna.

Dùinidh ionadan-stiùiridh na seirbheis-smàlaidh ann an Inbhir Nis agus ann an Obar Dheathain tràth an ath-bhliadhna 's an obair ga gluasad gu ionad ùr ann an Dùn Dè.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba nach dùin na h-ionadan ann an Inbhir Nis agus Obar Dheathain gus an tèid an luchd-obrach a thrèanadh agus gus an tèid deuchainnean a dhèanamh air na siostaman ùra aca.

Thà dùil aca gum bi sin ullamh ro dheireadh a' Mhàirt an ath-bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile