Dealbhan air fhoillseachadh an dèidh ionnsaigh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Police Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Tha na poilis airson bruidhinn ri triùir fhireannach san dealbh seo.

Rinn Poilis Alba iarrtas às ùr airson fiosrachaidh mu ionnsaigh air fireannach ann an Inbhir Nis san t-Sultain an-uiridh.

Dh'fhoillsich iad dealbhan CCTV de thriùir fhireannach ris a bheil iad airson bruidhinn co-cheangailte ris a' chùis.

Thachair an ionnsaigh air Ceum Nis sa bhaile mu 03:50 an 25mh dhen t-Sultain.

Dh'iarr na poilis air duine sa bith aig an robh fiosrachadh a dhol gu Poilis Alba neo Crimestoppers.

Tùs an deilbh, Poilis Alba
Fo-thiotal an deilbh,
Dealbh CCTV de fear dha na triùir fhireannach.