Obair luach £27m an Ceann Loch Chille Chiarain

Tùr ga thogail Image copyright RAYMOND HOSIE

Tha companaidh thionnsgalach chrann gaoithe ann an Earra-Ghàidheal a' leudachadh na tha iad a' reic le dà chùmhnant ùr gan comharrachadh.

Chaidh an t-ionad ann an Ceann Loch Chille Chiarain a cheannach le buidhinn Choireanaich bho chionn ghoirid agus tha iad am beachd a dhà uimhir de luchd-obrach fhastadh, le suas ris an trì uimhir air a dhèanamh air an làraich.

Bha trioblaidean ionmhais aig an ionad ron a seo.

Bha dùil gun deidheadh a dhùnadh, ach chaidh a ghabhail thairis le SSE agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean bho chionn còig bliadhna.

Cheannaich CS Wind à Coirea a Deas an t-ionad sa Ghiblean.

Tha dùil a-nis ri leudachadh luach £27m aig an làraich.

Bidh am factaraidh a' togail nan crann fhèin air am bith na rothan gaoithe a' suidhe.

Dh'fhoillsich CS Wind plana Diardaoin 's iad ag ràdh gum bi 300 luchd-obrach aca ro dheireadh 2017 airson suas ri 300 crann a thogail sa bhliadhna, nam measg crainn làidir a sheasas aig muir.

Dh'aontaich iad cumhnant Diciadain leis a' chompanaidh gaoithe Vattenfall agus dh'innis iad Diardaoin gu bheil Siemens air aontachadh Ceann Loch Chille Chiarain a chleachdadh son tuath gaoithe Beatrice ann an Linne Mhoireibh.