Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chilcott

Chuir an t-seann Phrìomhaire, Tony Blair, dìon uair eile a cho-dhùnadh Breatainn a chur gu cogadh ann an Iorac ann an 2003. Rinn Aithisg Chilcott an-dè dubh-chàineadh air a' cho-dhùnadh sin, agus thog i ceistean mu phàirt Thony Blair anns a' chùis. Tha ceannardan eile a bh' aig meadhan a' cho-dhùnaidh a' freagairt na h-aithisg le bhith ag ràdh gur iad na Stàitean Aonaichte a phut Breatainn gu cogadh. Thuirt Tony Blair an-diugh gun robh e cinnteach gun do rinn e an rud ceart aig an àm.

Na Tòraidhean

Tha Buill-Phàrlamaid Thòraidheach a' bhòtadh an-diugh air cò an dithis thagraiche a thèid air adhart ann an taghadh a' cheannaird ùir. Tha Theresa May, Mìcheal Gove, agus Andrea Leadsom fhathast anns an fharpais mus tèid a' bhòt a-mach gu ballrachd a' phàrtaidh.

Earra-Ghàidheal

Tha poilis ann an Earra-Ghàidheal a' rannsachadh bàs dithis chloinne feasgar an-dè. Chaidh an càr san robh iad far an rathaid gu Loch nan Druimnean, faisg air Cille Mheallaird. Chaidh cuirp an dithis chloinne, a bha dhà agus trì bliadhna de dh'aois, a thoirt às an uisge. Chaidh boireannach a tha 36 bliadhna de dh'aois, a thoirt dhan ospadal anns an Òban, ach chaidh a leigeil às an sin an-raoir.

Asad Shah

Dh'aidich duine à Bradford aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu an-diugh gun do mhuirt e fear-bùtha anns a' bhaile sa Mhàrt am-bliadhna. Chaochail Asad Shah, a bha, 40 bliadhna de dh'aois, an dèidh na h-ionnsaigh a thug Tanveer Ahmed, a tha 32 bhliadhna de dh'aois, air ann an sgìre Shawlands.

Drabastachd Chloinne

Coinnichidh Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, an-diugh, ri feadhainn a dh'fhulaing, 's e a' gealltainn neo-eisimeileachd san rannsachadh mu dhrabastachd an aghaidh chloinne. Dh'fhàg dithis am panal a tha os cionn an rannsachaidh - an cathraiche Susan O' Brien QC, agus an t-Oll. Mìcheal Lamb. Thuirt an t-Oll. Lamb gun robh an Riaghaltas a' gabhail cus gnothaich ris an rannsachadh.

CS Wind

Innsidh a' chompanaidh CS Wind an-diugh mu phlana airson £27m a chosg air leudachadh aig factaraidh nan tuathan-gaoithe aca ann an Ceann Loch Chille Chiarain. Tha iad an dùil àireamh an luchd-obrach a dhùblachadh gu 300 ro dheireadh na h-ath-bhliadhna. Agus tha Siemens a' cur an ainm an-diugh ri cùmhnant fo an tog factaraidh Cheann Loch Chille Chiarain pàirt den uidheamachd airson tuath-gaoithe Beatrice ann an Linne Mhoireibh.

Taigheadas Uibhist

Tha sgrùdadh farsainn ga dhèanamh air suidheachadh an taigheadais air feadh Uibhist. Tha Stòras Uibhist, còmhla ri Comhairle nan Eilean Siar, a' bhuidheann taigheadais HHP, Companaidh Leasachaidh Uibhist a Tuath agus Taighean Innse Gall, a' cur phàipearan rannsachaidh a-mach an ath-sheachdain agus iad ag iarraidh air gach dachaigh iad sin a thilleadh ro mheadhan an Lùnastail.