Fàraich is Tìlich "ag iarraidh àite mun bhòrd"

Svínoy, na h-Eileanan Fàrach Image copyright Eileen Sandá

Tha Riaghltas nan Eilean Fàrach airson pàirt a ghabhail san ath-choinneamh eadar na trì comhairlean eileanach anan an Alba.

Choinnich ball nan Eilean ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNìll, ri riochdairean as na h-Eileanan Fàrach bho chionn ghoirid agus tha esan a'radh gu bheil uidh cuideachd aig aig Innse Tile 'sna comhraidhean sin.

"Ged a tha na h-Eileanan Fàrach ann an iomadach dòigh, gu h-àraid a thaobh iasgaich, nas cumhachdaile na dùthchannan Eòrpach, tha iad air a shon sin a' cuimhneachadh gu bheil dìreach 50,000 duine a' fuireach ann, agus gu bheil iad fhathast nan eileanan," thuirt Mgr MacNèill.

"Agus gu bheil rudan acasan ri ionnsachadh, agus gu bheil rudan aca ri thairgsinn a dhèanas beatha ann an eileanan eile nas fheàrr.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil grunnan bhliadhnaichean ann o bha coinneamhan den leithid seo ann, agus tha iad gu h-àraid dòchasach gun tachair coinneamh am-bliadhna.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e cothrom dha na h-Eileanan Siar a th' ann agus mar sin bhiodh iad ag iarraidh gur ann an sin a bhiodh a' choinneamh, ach mura bi, tha mi cinnteach gum bi e ann an Sealtainn no àiteigin eile.

"A bharrachd air sin bha mi an Innis Tìle air an deireadh-sheachdain, agus bha mi a' bruidhinn ri feadhainn de luchd-poileataigs an sin, agus ma dh'fhaoidte gun nochdadh cuid den luchd-poileataigs an sin ann, agus ùidh acasan a-niste gu bheil iad a' faicinn gu bheil atharrachaidhean a' tighinn air cruth poileataigs anns na h-eileanan "mòra" a tha seo - Breatainn 's an rìoghachd air fad.

"Tha na Fàraich gu h-àraid dòchasach gum biodh a' choinneamh ann air a' chiad chola-deug den t-Sultain, no sa chola-deug mu dheireadh den Damhair.

"Tha leum orra air adhbhar air choireigin. Ma dh'fhaoidte gu bheil iad a' faireachdainn gu bheil ùine air a dhol seachad, agus mar a tha daoine eileanach uaireannan, tha iad gu math tric ag iarraidh a bhith a' faicinn dè tha a' tachairt ann an eileanan eile, tha sin a' cur ùidh orra, agus cuideachadh a thoirt seachad an dàrna cuid airson maith sgìre ann an dòigh.

"Ma choimheadas sinn air seo mar sgìre mhara a' ruith o Cheann Bharraigh gu ceann a tuath nan Eileanan Fàrach, seachad air Klaksvik an sin, dh'fhaodamaid a bhith a' coimhead air sgìre mar sin, agus sgìre far am faodadh sinn cumhachdan agus co-dhùnaidhean a dhèanamh dhuinn fhèin ann an sgìre a tha gu math mòr, cho fada an ear ri Sealtainn cuideachd," thuirt e.