Soillearachadh air fàire mu Chàball a' Chuain Sgìth

Càball air grunnd na mara

Tha dùil ri soilleireachadh an ceann dhà no thrì sheachdainnean air planaichean Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte 'son càball dealain a' Chuain Sgìth.

Tha bliadhaichean mòra ann bho thòisich an deasbad mun chàball, a tha fìor chudromach do chumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan an Iar.

"Choinnich mi fhìn agus riochdairean bho Arcaibh is Sealtainn ri Amber Rudd, Rùnaire Stàite airson Chumhachd is Atharrachadh na Sìde, ann an Lunnainn," thuirt Stiùiriche Leasachaidh Chomhairle nan Eilean Siar, Calum Iain MacÌomhair.

"An rud a bha sinn ag iarraidh innse dhi, 's e na buannachdan agus a' bhuaidh a bh' aig na pròiseactan a tha sinn a' faicinn 's dòcha a' tighinn gu bith anns na h-Eileanan.

"Bha i fhèin ag iarraidh faighinn a-mach dè na buannachdan a bha sinn fhìn a' faicinn?; dè bha e a' dol a dhèanamh airson na coimhearsnachd?; dè bha e a' dol a dhèanamh airson na h-eaconamaidh?

"Thug sinn am fiosrachadh sin dhi agus dh'èist i gu math geur. Dh'fhaighnich i ceistean, agus mar sin bha sinn gu math toilichte gun d' fhuair sinn am fiosrachadh sin tarsainn dhi.

"Dh'innis i dhuinn gu bheil rùpannan a' dol a thachairt airson nam pròiseactan seo, agus pròiseactan eile air feadh an dùthcha, ro dheireadh na bliadhna seo, agus gum biodh i a' cur a-mach fiosrachaidh an ceann mu thimcheall air sia seachainnean ag innse mu dheidhinn nam buidseatan agus nan dòighean airson nan rùpannan sin.

"Tha sinne a' faicinn gur e ceum math air adhart a tha sin gun tachair seo ro dheireadh na bliadhna agus gum faigh sinn am fiosrachadh seo an ceann mu thimcheall air sia seachdainnean," thuirt e.