Iarrtas 'son seirbheis fòn-làimhe nas fheàrr

Fòn-làimhe Image copyright AP

Dh'iarr Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNèill, gun cuireadh na prìomh chompanaidhean fònaichean-làimhe sna h-Eileanan an Iar luchd-obrach làn-ùine dhan sgìre.

Thuirt Mgr MacNèill gum bu chòir do luchd-obrach bho EE agus Vodafone gu sònraichte a bhith anns an h-eileanan airson cuideachadh a thoirt seachad a thaobh uidheamachd, am measg eile, leis cho tric 's a tha tioblaidean ann le fònaichean-làimhe.

Tha mòran air a bhith a' gearain ann am Barraigh bho chionn ghoirid ri linn nach eil crainn nam fònaichean-làimhe gan càradh gu sgiobalta.

Rinn Mgr MacNèill coimeas eadar na companaidhean fònaichean-làimhe agus BT aig a bheil daoine sna h-eileanan a tha a' coimhead às dèidh loidhnichean.

"Tha sinn a' faicinn le BT gu bheil iad a' dèanamh glè mhath a' càradh chùisean nuair a thèid iad ceàrr, tha daoine aca timcheall.

"Tha Barraigh air a bhith leis an fhòn-làimhe bho chionn ghiorid ach thairis air bliadhna neo dhà chunnaic sinn trioblaidean air feadh nan eilean, trioblaidean ann an Steòrnabhagh cuideachd, bha trioblaidean sna Hearadh, tha cuimhn' 'am, nuair a bha droch gheamhradh ann, bha iad ga fhaighinn doirbh daoine fhaighinn," thuirt Mgr MacNèill.

A rèir Mhgr MhicNèill feumaidh na companaidhean fòn-làimhe a bhith a' càradh chùisean nas luaithe na tha iad agus tha e ag ràdh gu bheil e annasach nach eil duine aca stèidhichte sna h-eileanan.