Ionnsaigh dhrabasta an Ulapul

Tha Poilis Alba a' rannsachadh ionnsaigh dhrabasta air boireannach ann an Ulapul tràth madainn Dimàirt.

Thuirt iad gun do thachair an ionnsaigh eadar 01.00 is 01.30 sa mhadainn air Sràid a' Mhuilinn, faisg air an àrd-sgoil.

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh feuch lorg fhaighinn air fireannach geal, mu 5′ 10″.

Thuirt iad gu bheil e mu 30, le falt goirid dorcha curlach, le blas cèin air a chainnt.

Bu chòir duine sam bith le fiosrachadh brath a chur air na poilis air 101.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile