Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Làbaraich

Tha leas-cheannard a' Phàrtaidh Làbaraich, Tom Watson, air innse do Jeremy Corbyn gu bheil Buill-Pharlamaid a' phàrtaidh air earbsa a chall ann. Tha Mgr Corbyn air deichnear bhall fhastadh anns a' chaibineat dùbhlannach ùr aige an dèidh do shreath den t-seann chaibineat na dreuchdan acasan fhàgail thairis air an deireadh-sheachdain agus madainn an-diugh. Tha an ceannard Làbarach air 18 duine bhon sgioba a chall chun a seo.

Brfhàgail

Thuirt am fear a bha os cionnn iomairt Fàg, Boris Johnson, gun robh "Project Fear" air tighinn gu ceann a-niste. Seo an dèidh dhan t-Seansalair, Seòras Osborne, innse madainn an-diugh nach deadh buidseat èiginneach a chumail gu àm an Fhoghair.

Tha an Caibineat a' coinneachadh aig Sràid Dhowning an-dràsta, gus beachdachadh air an t-slighe air adhart, an dèidh buil bhòt an referendum.

Agus thuit earrainnean ann am bancannan madainn an-diugh. Chaidh casg rè-ùine air a bhith a' reic agus a' ceannach earrainnean ann am Barclays. Seo an dèidh dhan luach tuiteam gu mòr. Thuit iad còrr air 10% bho dh'fhosgail a' mhargaidh tràth sa mhadainn.

Duine a Dhìth

Tha iomairt theasairginn a' dol gus lorg fhaighinn air peinnseanair a bha a-muigh a' coiseachd air taobh siar Rois. Thathar a' creidsinn gun robh Mark Flinn, aois 68, ann an Ciseorn agus air a' Chomraich. Chunnacas mu dheireadh e a' fàgail far an robh e a' fuireach ann an Achadh na Tràghad mu 09:00m an-dè. Thòisich Sgioba Teasairginn Bheanntan Thoirbheartain ga lorg an-raoir, agus an-diugh tha sgioba teasairginn Feachd an Adhair, agus sgiobannan le coin gu bhith ag obair còmhla riuthasan feuch lorg fhaighinn air Mgr Flinn.

Rollercoaster

Tha naoinear fhathast anns an ospadal an dèidh tubaist rollercoaster ann an Siorrachd Lannraig. Chaidh ochdnar chloinne agus dithis inbheach a leòn nuair a thuit carbad far na rèile aig pàirce M&D's faisg air Tobair na Màthar an-dè. Tha triùir chloinne ann an suidheachadh gu math meadhanach anns an ospadal.

Muirfield

Tha Cluba Goilf Muirfield ag iarraidh bhòt ùr a chumail mu bhith a' ceadachadh do bhoireannaich a bhith nam buill ro dheireadh na bliadhna seo. Tha seo a' tighinn sia seachdainnean an dèidh dha faileachadh air a' chomataidh taic fhaighinn bho dhà thrian den bhallrachd aca gus leigeil le boireannaich a bhith nam buill den chluba.