Sasamach

Is e 'Sasamach' facal a tha aig Gàidheil na h-Èirinn airson 'Brexit'.

Ach, chan e Sasainn a-mhàin a tha gus an t-Aonadh Eòrpach fhàgail às dèidh bhòt an là an-dè, ach an Rìoghachd Aonaichte air fad.

Bhòt daoine air feadh Shasainn agus na Cuimrigh airson fàgail, a dh'aindeoin rabhaidh bho eòlaichean de gach seòrsa, dùthchanan cèin agus, prìomhaire Bhreatainn fhèin.

Chuir Dàibhidh Camshron geall gun leanadh an luchd-bhòtaidh eisimpleir na h-Alba ann an 2014, a' cur taic ris an status quo air eagal 's gun tigeadh rudeigin na bu mhiosa na dhèidh.

Abair gun robh e ceàrr.

Cha b' urrainn dhà cumail a' dol agus bidh prìomhaire ùr againn as t-fhoghar.

Earbsa

Chan eil e soilleir fhathast cò bhios ann - Boris Johnson, Theresa May no cuideigin eile (is coltach gu bheil e ro anmoch a-nis airson George Osborne, a tha air a chliù a chall mar shàr-chleasaiche poileataigeach).

Agus tha teagamh ann mu sheasmhachd ceannas Jeremy Corbyn agus buill-phàrlamaid Làbarach air gluasad cion-earbsa a chur gu cathraiche na buidhne aig Westminster.

Ach tha an roghainn a rinn an sluagh an-dè fada nas motha na Mgr Camshron no luchd-poileataigeach sam bith.

Chuir 52% den luchd-bhòtaidh romhpa cùl a chur ris an Aonadh Eòrpach agus ri ìomhaigh air àite Bhreatainn anns an Roinn Eòrpa agus anns an t-Saoghal fad còrr is dà fhichead bliadhna.

A dh'aithghearr bidh aig an Rìoghachd Aonaichte ri àite ùr a chruthachadh dhi fhèin, agus is coltach gur e còmhradh doirbh a tha air fàire le dùthchanan eile an Aonaidh Eòrpaich.

Ach fiù 's mus tòisich an còmhradh sin, tha an deasbad mu àite na h-Alba anns an Rìoghachd Aonaichte a' tòiseachadh a-rithist.

Clàr-ama

Thuirt Nicola Sturgeon - le bratach na h-Alba ri taobh agus bratach na h-Eòrpa air an taobh eile - nach bitheadh e ceart co-dhunadh mu dheireadh a ghabhail an-diugh.

Ach rinn i soilleir gu bheil an riaghaltas ag ullachadh airson reifreann eile air neo-eisimeileachd taobh a-staigh dà bhliadhna.

Chan e sin an clàr-ama a bhitheadh i air taghadh, ach chaidh a thoirt dhi le toradh bhòt an là an-diugh agus leis na riaghailtean Eòrpach a chanas gu bheil dà bhliadhna ann airson a' chòmhraidh eadar Breatainn agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt Dàibhidh Camshron nach tèid artagail 50 Cunnradh Lisbon a chur an gnìomh mus tig am prìomhaire ùr a-steach as t-fhoghar.

B'fheàrr leis a' phìomh mhinistear taic fhaighinn airson neo-eisimeileachd fhad 's a tha Alba taobh a-staigh an Aonaidh.

Mar sin, dhearbh Nicola Sturgeongun ullaicheadh an riaghaltas an reachdas airson darna reifreann a chumail.

Ceist

Chaidh Ruth Davidson as àidhcheadh gun robh reifreann eile a dhìth, ag ràdh gun do bhòt barrachd dhaoine airson fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte ann an 2014 na bhòt airson fuireach anns an Aonadh Eòrpach an-dè.

Is i a' cheist do Nicola Sturgeon am bi gu leòr de na daoine a bhòt airson neo-eisimeileachd an turas mu dheireadh deònach am beachd atharrachadh mar thoradh air toradh na bhòt Eòrpaich.

Tha ceist dhoirbh eile airson a' phrìomhaire ùir a thig an àite Dhàibhidh Camshron.

An diùlt iad gabhail ri iarrtas bho Holyrood an cumhachd a thoirt seachad airson reifreann eile a chumail?

Neo an toireadh sin air an taic airson neo-eisimeileachd fàs nas motha?

Chaidh aon cheist a fhreagairt a-raoir - ach chaidh ceistean eile a thogail a dh'fheumas rèiteachadh a dh'aithghearr.