Referendum an Aonaidh Eòrpaich

Referendum

Bhòt muinntir na Gàidhealtachd is nan Eilean 'son fuireach san Aonadh Eòrpach, ach tha iomairt Fàg air an referendum a bhuannachadh.

Anns na h-Eileanan an Iar bhòt 8,232 'son fuireach is 6,671 'son falbh - 55.2% gu 44.8%.

Air a' Ghàidhealtachd bhòt 70,308 'son fuireach san EU is 55,349 'son fàgail - 56% gu 44%.

Chuir muinntir Earra-Ghàidheal is Bhòid taic ri ballrachd san EU cuideachd.

An sin bha 29,494 'son fuireach is 19,202 airson fàgail - 60.6% gu 39.4%.

'S e sin an dealbh a bh' ann air feadh na h-Alba le 62% uile gu lèir a' bhòtadh 'son fuireach san EU.

Rinn iomairt Fàg nas fheàrr ann am pàirtean eile den Rìoghachd.

Chaidh a dhearbhadh aig 06:00m gun robh Fàg air an gnothach a dhèanamh.

B' e 51.9% gu 48.1% a bh' ann air a' cheann thall.