Ceistean mu sgeama hydro

An t-Allt Mòr
Image caption Chan eil rùm gu leòr air a' Ghriod Nàiseanta aig tuath airson na bha an dùil tighinn à sgeama hydro an Uillt Mhòir ann an Goillspidh.

Tha ceistean mòra ann mu sgeama hydro coimhearsnachd air a' Ghàidhealtachd seach nach eil rùm air a' Ghriod Nàiseanta aig tuath dhan dealan a bha iad am beachd a chruthachadh.

Cha ghabh an Griod Nàiseanta ach dàrna leth dhen dealan a tha Golspie Community Power am beachd a thig às a phròiseact.

Thòisich a' chompanaidh choimhearsnachd Golspie Community Power a' feuchainn ri am planaichean a thoirt gu buil ann an 2010.

100 cilea-watt

Bha iad am beachd 100 cilea-watt de dhealan a chruthachadh 's a reic ris a' Ghriod Nàiseanta.

Ach, leis na tha de dhealan a-nis ga chuthachadh anns a' cheann a tuath, tha SSE agus an Griod Nàiseanta air diùltadh na tha sin de dhealan a ghabhail.

Uidheamachd

Chan eil uidheamachd a' Ghriod aig ìre a ghabhas a h-uile càil - gus an tèid ùrachadh ann am beagan bhliadhnaichean.

Tha muinntir Ghoillspidh ag ràdh nach bi an sgeama èifeachdach leis a' bheagan a tha an Griod deònach a ghabhail dhen dealan aca.

Tha iad fhèin agus ball-parlamaid na sgìre, Pòl Monaghan, ann an còmhraidhean le SSE 's leis a' Ghriod Nàiseanta feuch a bheil slighe air adhart.