Ciad Dùbhlan Hiort air soirbheachadh

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Shoirbhich gu mòr le 'Dùbhlan Hiort' air an deireadh-sheachdain.

Chaidh a' chiad rèis iataichean a Hiort a bhuannachadh le Gòrdan Lawson agus am "Moonstruck Too".

Thòisich an rèis, a' chiad fhear dha sheòrsa, ann an Loch nam Madadh tràth madainn Dihaoine an 10mh dhen Òg Mhios.

Ach, bha beagan tàire air an fheadhainn a bha rèiseadh, leis nach robh mòran gaoithe ann.

Thug e 23 uairean a thìde, cha mhòr chun a' mhionaid dhan iat a bhuannaich, an rèis a chriochnachadh.

Chleachd cuid dhe na iataichean, nach robh an-sàs san rèis fhèin, an einseanan airson Hiort a' ruighinn ann am beagan uairean a thìde - ach thug e greis nas fhaide dha na criùbhaichean a bha an eisimeal na gaoithe.

Iataichean

Uile gu lèir, chaidh 27 iat a-mach dhan iar bho chala Loch Nam Madadh, le 15 dhiubh an-sàs san rèis fhèin.

Thuirt sgiobair a' bhàta a bhuannaich, Gòrdan Lawson, bhon "Moonstruck Too" gun robh amanan ann far nach robh deò gaoithe sam bith ann, 's gun na bàtaichean fiù 's a' carachadh.

Bha an fheadhainn eile, 12 dhiubh, ann am flotilla, agus a' cleachdadh an einseanan airson Bàgh a' Bhaile a' ruighinn.

Image copyright Ailean Macleòid
Image caption Thòisich an rèis an Loch nam Madadh

'S iad Comann na Mara ann an Uibhist a' Tuath a chur an rèis air dòigh, 's tha dòchas aca a chumail gach dàrna bliadhna.

Thuirt cathraiche na buidhne, Gus MacAmhlaigh: "Bha mòran spòrs eadar na seòladairean, agus bha faireachdainn math ann an Uibhist a Tuath.

Cha b'urra dhuinn barrachd iarraidh, 's bu mhath leam taing a thoirt dhan h-uile duine a chuidich, 's a dh'obraich còmhla airson a thoirt gu buil."

Tachartasan Tìre

Chan e a-mhàin an dùbhlan fhèin a bha a' dol ge ta, agus sreath de chuirmean agus tachartasan a' dol timcheal air ann an Uibhist.

Am-measg eile, chaidh an taisbeanadh "Heisgeir" aig an seinneadair Julie Fowlis a chur air adhart airson a' chiad uair san sgìre.

Thuirt i gu bheil rudeigin sònraichte mu àiteachan mar Heisgeir agus Hiort, far a bheil sàmhchair a-nis far am b'àbhaist do cheòl 's òrain a bhi.

Image copyright Ailean Macleòid
Image caption Chaidh na iataichean timcheal Hiort

"Tha an t-àite seo fo bhuaidh na mara, ann an iomadach dòigh agus tha mi smaoineachadh gu bheil iad tlachdmhòr do dhaoine, na stòiridhean a tha co-cheangailte ris an àite a chluinntinn."