Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ionnsaigh Orlando

Thuirt athair an duine a mharbh leth-cheud duine aig club gèidh ann am Florida, nuair a loisg e orra le gunna, nach eil dad de dh'fhios aige dè bu choireach gun do rinn a mhac sin. Thuirt an FBI gu bheil dearbhadh aca-san gun do gheàll Omar Mateen, a bha 29, dìlseachd do cheannairc na Stàit Islamaich. Thuirt banntrach Omar Mateen, nach robh a shlàinte inntinn ach cugallach, ach nach robh dad de dh'fhios aice-se gun dèanadh e an leithid.

Referendum an EU

Ni Gòrdan Brown oidhirp an-diugh air luchd bhòtaidh Làbarach a thoirt gu taobh na h-iomairt airson fuireach san Aonadh Eòrpach. Canaidh e gun gabh an EU leasachadh bhon an taobh-a-staigh. Tha an iomairt airson fàgail ag ràdh gun do dh'fhalbh an dòchas sin nuair a dh'fhailich e air Daibhidh Camshroin aonta nas fheàrr fhaighinn na chòmhraidhean ris a' Bhruiseal.

Stephanie Inglis

Tha Stephanie Inglis às Inbhir Nis, a chàidh a droch leòn ann an tubaist motor-baidhseagal ann am Bhietnam, a' tilleadh a dh'Alba an-diugh. Bheir pleàna èiridinn a thàinig à Thailand dhan an ospadal ann an Dùn Èideann i. Cha tug dotairean ann am Bhietnam cus dòchais do Stepahanie, a tha 27, agus a fhuair bonn airgid airson judo aig Geamachan a' Chò-Fhlaitheis ann an 2014, ach tha i air na h-uidhir de dh'adhartas a dhèanamh bhon an uairsin.

Bàs leantainiche bhall-coise

Chaidh duine òg às Èirinn a' Tuath a mharbhadh nuair a thuit e far balla os cionn na mara ann an Nice anns an Fhraing. Bha an duine, a bha 24, a' leantainn sgioba ball-coise Èirinn a' Tuath aig Euro 2016 san Fhraing. Thachair an tubaist goirid àn dèidh do dh'Èirinn a' Tuath call 1-0 ris a' Phòlainn, ann an Nice an-dè.

Croitearachd

Thàinig e am follais gun tuirt Uilleam Swann, ball de Choimisean na Croitearachd a leig dheth a dhreuchd bho chionn còrr 's seachdainn, ri croitearan à Mangurstadh ann an Leòdhas, gu leigeadh esan dheth a dhreuchd mur a deidheadh dèiligeadh riutha-san gu cothromach. Tha riochdairean a' Choimisein a' coinneachadh ri Comataidh Croitearachd Chomhairle nan Eilean Siar sa mhadainn an-diugh, àn dèidh dhan Choimisean dà chomataidh ionaltraidh ann an Leòdhas a chur às an dreuchd. Agus tha ball Gàidhealach ann am Pàrlamaid na h-Alba, Rhoda Ghrannd, air faighneachd den Riaghaltas a bheil earbsa aca ann am Fear Gairm a' Choimisein, Cailean Ceanadach.

Oscar Pistorius

Thòisich cùirt ann an Afraga a' Deas far am bi co-dhùnadh ann air dè an ùine a bhios Oscar Pistorius sa phrìosan àn dèidh dha a leannan, Reeva Steenkamp, a mharbhadh le gunna. Chaidh an lùth-chleasaiche paralympic a dhìteadh airson murt an uiridh, àn dèidh cur às dhan dìteadh ron a sin, dìteadh nas lugha airson marbhadh.

Gniomhachas na h-Ola

Tha ceannardan ola agus gas a' Chuain a' Tuath ag ràdh gu feum atharrachadh mòr agus luath a bhith ann mu choinneimh a' chrìonaidh sa ghniomhachas. Tha iad ag ràdh nach eil aca ach dà bhliadhna son a ghniomhachas a shàbhaladh agus gu feum cò-obrachadh mòr a bhith ann eadar na companaidhean.