An Coimisean: "ceart a thaobh an lagha"
- Air fhoillseachadh

Thuirt Àrd-oifigear Choimisean na Croitearachd ri Comataidh Croitearachd Chomhairle nan Eilean Siar gu bheil iad dhan làn bheachd gu bheil iad ceart a thaobh an lagha.
Tha seo às dèidh dhan choimisean dà chomataidh ionaltraidh ann an Leòdhas a chur às an dreuchd.
Bha fir-lagha, agus seann bhean-gairm a' choimisein ag ràdh gun robh seo ceàrr.
Ach thuirt Catriona NicIlleathain gun robh na co-dhùnaidhean stèidhichte air an lagh, agus nach robh adhbhar eagail aig croitearan sam bith a tha a' dèanamh an obair ceart.
Uilleam Swann
Thàinig e am follais cuideachd gun tuirt Uilleam Swann - ball de Choimisean na Croitearachd a leig dheth a dhreuchd bho chionn còrr air seachdain - ri croitearachd Mhangurstaidh ann an Leòdhas gu leigeadh e dheth a dhreuchd mura deigheadh dèiligeadh riutha gu cothromach.
Thuirt Catriona NiciIlleathain nach robh càil aice ri ràdh mun an sin - oir gur e cùis a bh' ann eadar Mgr Swann agus am ministear Fearghas Ewing.
An riaghaltas
A thuilleadh air an sin, tha ball Gàidhealach ann am Pàrlamaid na h-Alba, Rhoda Ghrannd, air faighneachd dhan riaghaltas a bheil earbsa aca ann am Fear-gairm a' Choimisein, Cailean Ceannadach.
Thuirt Catriona NicIlleathain gu bheil an coimisean ag obrachadh gu math agus gur e th' aca san amharc ach soirbheachas do chroitearachd.