Baile Ùr an t-Slèibh 2 Loch Abar 1

Cupa MhicThàmhais

Thill Cupa MhicThàmhais a Bhaile Ùr an t-Slèibh 'son an 40mh turas is an slaic mu dheireadh den gheama a' buannachadh na duais.

B' e Loch Abar a b' fheàrr a thòisich, an luchd-aghaidh a' fàgail loidhne-dìon a' Bhaile Ùir car an-fhoiseil.

Fhuair Mìchael Ruiseal cairt-bhuidhe is e air Ben Delaney a dhraghadh sìos is e a' dèanamh air an tadhal.

Cha do ghabh na h-Abraich brath air na cothroman, is b' e am Baile Ùr a chaidh air thoiseach às dèidh 26 mionaidean.

Tha Tormod Caimbeul aithnichte mar chluicheadair dìon cho math sa chluich an spòrs san linn seo.

Sheall e a-rithist a chomasan aig taobh eile na pàirce Disathairne, a neart a' cruthachadh a' chothroim is slaic chumhachdach an uairsin seachad air Calum Dòmhnallach ann an tadhal Loch Abair.

Freagairt

B' e a' cheist an uairsin dè freagairt a bhiodh aig na h-Abraich, a bha air cuairt dheireannach an aghaidh a' Bhaile Ùir a chall 5-1 ann an 2012.

Thàinig freagairt sgiobalta.

Dh'fhàg Steafan Dòmhnallach pailteas rùm aig Zands Fearghasdan is dhrill esan slaic àlainn dhan lìon bho astar.

1-1 aig letheach ùine is glè bheag eadar na sgiobaidhean.

Dh'atharraich cùisean san dàrna leth.

Cothroman

Ghabh Baile Ùr an t-Slèibh smachd air meadhan na pàirce is thàinig cothroman gu leor.

Bhuail Glen Mac an Tòisich am maide-tarsainn dà thuras is rinn an Dòmhnallach ann an tadhal Loch Abair obair ionmhalta gus am Baile Ùr a chumail a-mach.

Gu h-iongantach, anns na dìogan mu dheireadh de dh'ùine a chaidh a chur ris a' gheama, bha cothrom air leth aig Loch Abar fhèin an geama a ghoid.

Bhrist iad is thuit am ball dha caman Ben Delaney.

'S dòcha gum faca Delaney ainm anns na cinn-naidheachd ach dh'fhàillich air an oidhirp aige a chur air an targaid.

Leth-mhionaid

Gun ach leth-mhionaid air fhàgail, bha coltas ann gum faigheadh Loch Abar 30 mionaidean de dh'ùine a bharrachd co-dhiù.

Mar a thachair, cha robh am Baile Ùr feumach ach air leth-mhionaid.

Bhuannaich Evan Menzies am ball air ais nuair a bha còir aig Loch Abair a bhith air a shlaiceadh sìos na pàirc.

Chuir e am ball a-steach dhan mheadhan far an robh Glenn Mac an Tòisich, a leig air falbh slaic chruaidh ìosal seachad air an Dòmhnallach, a-steach dha lìon Loch Abair.

Thàinig fìdeag an reitire sa bhad agus am Baile Ùr a' buannachadh 2-1.

Sàr-chluicheadair

Chaidh Calum Dòmhnallach ainmeachadh mar shàr-chluicheadair a' gheama, is ged a thuit Loch Abar a-mach às a' gheama san dàrna leth, thàinig iad fhathast glè fhaisg air a' chupa.

Bheir iad na h-uimhir de mhisneachd às a' gheama air a' cheann thall, a dh'aindeoin mar a chrìochnaich e.

Rinn am Baile Ùr gàirdeachas is iad gu dearbh airidh air an duais.

Bidh aca ri cluich beagan nas fheàrr, shaoileadh tu, ma tha iad 'son na duaisean mòra eile a thogail am-bliadhna, ach 's e deagh thoiseach-tòiseachadh a bha seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile