Còmhraidhean mun Choir' Uisg'

MV Coruisk

Thèid suidheachadh a' bhàt-aiseig, an MV Coir' Uisg', a dheasbad Dimàirt aig coinneimh eadar Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, am BP Gàidhealach, Iain Blackford, is Còmhdhail Alba agus Cal Mac.

Bha mì-thoileachas mòr ann an Slèite is Malaig nuair a ghluais Cal Mac an Coir' Uisg' a Mhuile am-bliadhna.

Rinn iad gàirdeachas an t-seachdain seo chaidh nuair a dh'innis Mgr Blackford gun tilleadh am bàta gu tuath am-bliadhna, rud a dh'fhàg na Muilich feargach.

Thuirt Mgr Blackford gun d'fhuair e gealltanas bho Chal Mac.

Tha Cal Mac a-nis air ìnnse, ge-tà, nach tèid am bàta air ais air an t-slighe eadar Malaig agus Armadal as t-Sàmhradh seo idir, ged a gheall iad sùil eile a thoirt air cùisean an ath-bhliadhna.

Bristeadh-dùil

Tha sin na bhristeadh-dùil dha cathraiche Fòram Còmhdail Shlèite, Ruairidh Moireach.

"S e là ùr a tha seo agus car ùr san sgeulachd iongantach a tha seo. Cha chuala duine a-riamh an leithid", thuirt Mgr Moireach.

"Tha sinn a' smaoineachadh gu bheil an fheadhainn a tha a' tagradh airson dàrna aiseag ann am Muile, gu bheil iad nas treasa na an fheadhainn a th' againn an seo.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e sin a tha a' tachairt, gu bheil muinntir Mhuile a' toirt buaidh", thuirt e.

Dh'innis Mgr Moireach nach eil e fhèin is an luchd-iomairt eile ann an Slèite is Malaig idir 'son a dhol a-mach air na Muilich.

Feumaidh fuasgladh a lorg a nì a' chùis dhan a h-uile duine, thuirt e.

Thug e seachad rabhadh, ge-tà, nach urrainn dhan suidheachadh a th' ann air an t-slighe eadar Malaig agus Armadal leantainn mar a tha e.

"Tha e do-ghiùlainte. Tha an clàr-ama ag atharrachadh bho là gu là agus uaireanan bho sheòladh gu seòladh.

"Tha sinn ag iarraidh gum faigh sinn seirbheis chothromach, gum bi earbsa aig daoine gum faigh iad a-null is a-nall nuair a tha an clàr-ama ag ràdh, gum faigh iad air na trèanaichean ann am Malaig.

"A h-uile càil den t-seirbheis a tha seo, tha e buileach ceàrr an-dràsta, chan eil càil dheth a' freagairt air an sgìre idir idir", thuirt e.

Coinneamh

'S e Iain Blackford a dh'iarr a' choinneamh ann an Dùn Èideann Dimàirt.

Thuirt Mgr Blackford gun robh e feargach leis an naidheachd gu bheil an Coir' Uisg' a' fuireach ann am Muile.

Tha e ag ràdh gu bheil e 'son faighinn a-mach dè dìreach an suidheachadh a th' ann.

Thuirt am BP an t-seachdain seo chaidh gur e an tuigse a bh' aige gun tilleadh an Coir' Uisg' gu tuath nam faigheadh Cal Mac cead deireannach bho Chòmhdail Alba.

Tha Còmhdail Alba ag ràdh gur e ceist a th' ann 'son Chal Mac.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile