Am Baile Ùr is na h-Abraich gus strì

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Cluichidh Baile Ùr an t-Slèibh is Loch Abar Disathairne sa chuairt dheireannaich de Chupa MhicThàmhais.

Bidh a' chiad chuairt dheireannach mhòr san iomain am-bliadhna ann Disathairne is Baile Ùr an t-Slèibh is Loch Abar gus strì aig Pàirc a' Bhucht.

'S e Cupa MhicThàmhais an duais, cupa air a bheil am Baile Ùr co-dhiù uamhasach fhèin eòlach.

Tha iad air an cupa a thoirt air ais a Bhàideanach 39 turas thuige seo.

B' e 2012 an uair mu dheireadh is Loch Abar fhèin air am pronnadh 5-1 sa chuairt dheireannaich.

Là fliuch, mosach a bha sin, is na tadhail a' frasadh a-steach dha lìon Loch Abair.

Eachdraidh

Chan eil eachdraidh air an taobh gu ìre mhòir sam bith.

Tha Loch Abar fhathast gun Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh, ged a thog Drochaid an Aonachain an duais trì tursan eadar 1922 is 1933 mus deach iad còmhla ri Bràigh Loch Abair gus an cluba a th' ann an-diugh a stèidheachadh.

Choinnich Baile Ùr an t-Slèibh is Loch Abar aon turas mar thà air an t-seusain seo, am Baile Ùr a' soirbheachadh 3-0 ann an Drochaid an Aonachain sa Ghiblean.

Sin mar a bha seusan a' Bhaile Ùir gu ruige seo is iad air 10 de na 11 geama aca a bhuannachadh, is Caol Bhòid feumach air tadhal anns na diogan mu dheireadh ann an Taigh na Bruaich 'son an cumail aig 2-2 sa gheama eile.

A dh'aindeoin beachd gun robh an sgioba a' fàs sean, tha seòid a' Bhaile Ùir a' dol fhathast, is tha iad cuideachd air spionnadh fhaighinn bhon fheadhainn nas òige a tha air tighinn a-steach dhan sgioba, leithid Ruairidh Cheannadaich is Iain Robinson.

Thog iad a dhà de na ceithir duaisean mòra an-uiridh, is am-bliadhna tha sùil aca air a h-uile gin dhuibh.

Dòchas

Bheil dòchas idir ann dha Loch Abar aig Pàirc a' Bhucht Disathairne, ma-thà?

Canaidh iad gu bheil, is iad a' dol a-steach dhan gheama ann an deagh shunnd.

Chuir iad 4 tadhail seachad air Lòbhat an t-seachdain seo chaidh, is seachdain roimhe seo chuir iad an ceòl air feadh na fidhle le pronnadh 5-1 a thoirt air Ceann a' Ghiuthsaich ann an Cupa na Camanachd.

Cuine mu dheireadh a chuir sgioba 5 tadhail air Ceann a' Ghiuthsaich sa Chupa mhòr - aig an Dell - agus na tadhail air fad sa chiad leth?

Bheir sin fhèin misneachd dha Loch Abar.

Faodaidh iad cuideachd na h-uidhir de dhòchas a thoirt à mar a rinn Gleann Urchadain an-uiridh, sgioba eile a bha air droinneadh (no dhà) fhulang ann an cuairtean deireannach roimhe.

Cothrom

Cha tug mòran dhaoine cothrom dha sgioba a' Ghlinne an aghaidh a' Bhaile Ùir an là ud, ach thòisich iad gu làidir is fhreagair iad san aon dòigh nuair a thàinig sgioba Bhàideanach air ais a-steach dhan gheama.

Cha do rinn cairt dhearg dha Jamie Robinson cron sam bith orra nas motha, is Gleann Urchadain a' buannachadh 3-1 air a' cheann thall.

Chaidh gàirdeachas a dhèanamh às dèidh làimhe nuair a chaidh an cupa air ais a Dhruim na Drochaid 'son a' chiad uair.

Gheibh sinn a-mach Disathairne an ann an Drochaid an Aonaichain is Drochaid Ruaidh a bhios am pàrtaidh an turas seo, no sa Bhaile Ùr aon uair eile.

Chìthear an geama beò air BBC Alba, am prògram a' tòiseachadh aig 4.00f.