Na h-Eileanan Defibrillatormhora...

Defibrillator ga chur an sàs Image copyright Science Photo Library

Tha buidheann charthannais a tha ag amas air defibrillator a chur dhan a h-uile baile sna h-Eileanan Siar ag ràdh gu bheil dùil aca gum bi faisg air 50 de na h-uidheaman anns an sgìre ro dheireadh na bliadhna.

Chaidh meur nan Eilean Siar den charthannas Lucky2BHere a chur air bhonn aig toiseach na bliadhna.

Thug iad trèanadh mar thà do dh'fhaisg air dà cheud eileanach, a tha a-nise comasach air cobhair a dhèanamh le defibrillator air duine a th' air grèim-cridhe a ghabhail.

Chuir a' charthannas 200 defibrillator an sàs ann an Alba air fad o thòisich iad ann an 2009.

Tha còig dhiubh ann an Nis, le dùil gum bi suas ri seachd san sgìre air a' cheann thall, an dèidh iomairt a rinn muinntir an àite air £10,000 a thogail air an son.

'S e an t-amas aca gum bi defibrillator anns gach baile sna h-Eileanan Siar air a' cheann thall.

Sàbhailte

"'S e Port Rìgh an t-àite a bu shàbhailte chun a seo, bhon tha Ross Cowie a thòisich Lucky2BeHere a' fuireach ann am Port Rìgh," thuirt an Comh. Aonghas Moireasdan, a tha cuideachd ag obair gu saor-thoileach don bhuidhinn.

"Chanainn-sa a-nis gur e Nis aon de na h-àiteachan as sàbhailte sna h-Eileanan Siar co-dhiù.

"Tha tìde freagairt deatamach far an tig an luchd-eiridinn thugad.

"Cha-mhòr nach eil là nach eil iarrtas a' tighinn thugainn bho bhuidhinn air choireigin ag iarraidh feuchainn ri faighinn dè mar a chuireas iad defibrillator a-steach dhan choimhearsnachd.

"Air a' cheann thall bu chaomh leam-sa fhaicinn co-dhiù aon defibrillator anns a h-uile baile.

"Anns a' h-uile sgìre bu chaomh leam faicinn trì no ceithir.

"Bhon, tha iad a' sàbhaladh beatha," thuirt e.