Leasachadh Inbhir Nis gus tòiseachadh
- Air fhoillseachadh

Tòisichidh leasachadh £13m aig Pàirce Bhùithdean Inbhir Nis an ath-sheachdain.
Tha trì companaidhean mòra gus taighean-bìdhe fhosgladh sa phàirce.
'S iad Nando's, Frankie and Benny's agus companaidh eile nach deach ainmeachadh gu poblach fhathast.
Thèid an làrach a bh' aig Comet a ghearradh ann an trì pàirtean gus àite a dhèanamh airson an leasachaidh.
Obraichean
Thuirt ceannardan na Pàirce gun tèid 180 dreuchd làn is pàirt-ùine a chruthachadh.
Thuirt iad gu bheil iad an dòchas gum bi obraichean ann gu h-àraidh do dh'oileanaich, is an leasachadh faisg air làrach ùr Colaiste Inbhir Nis.
Mar phàirt den obair, thèid cuideachd slighean nas fheàrr a-steach dhan phàirce a thogail do chàraichean is baidhsagalan, is barrachd àitean-pàircidh.
Thathas an dùil gum bi dhà de na taighean-bìdhe fosgailte aig an Nollaig.