Am Mòd luach £2.8m dha Earra-Ghàidheal

Mòd 2015

Rinn am Mòd Nàiseanta Rìoghail san Òban ann an 2015 feum mòr dhan sgìre, a rèir sgrùdaidh ùir.

Bha am Mòd sa bhaile eadar an 9mh is an 17mh den Damhair.

Rinn a' bhuidheann 'The Market Specialists' rannsachadh air buaidh a' Mhòid.

Thèid an rannsachadh air beulaibh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid Diardaoin.

Canaidh e gun robh luach cha mhòr £2.8m ann am Mòd 2015 dha Earra-Ghàidheal.

Fhuair an aithisg gun robh 8,939 duine uile gu lèir an lùib a' Mhòid san Òban dòigh air choireigin, 77% dhiubh nach buin do dh'Earra-Ghàidheal.

Thuirt 69% dhiubh gun tàinig iad dhan Òban gu sònraichte airson a' Mhòid, is 63% nach biodh iad air laithean-saora a ghabhail air an t-seachdain sin mura b'e am Mòd.

Dh'innis 71% de na daoine ris an do bhruidhinn an luchd-sgrùdaidh gum biodh iad airson tilleadh dhan Òban air laithean-saora.

Thuirt an Comunn Gàidhealach gu bheil iad gu math riaraichte leis an aithisg.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile