Bùrach an t-subsadaidh ga dheasbad
- Published
Bheir Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, fiosrachadh do Phàrlamaid na h-Alba Dimàirt air an dàil ann an subsadaidhean Eòrpach do thuathanaich agus croitearan.
Bha cuid a' feitheamh mìosan gus an t-airgead fhaighinn, is feadhainn fhathast gun sgillinn ruadh fhaicinn.
Dh'aidich an Riaghaltas gun robh trioblaidean mòra ann le siostam ùr coimpiutair a bha air a dhealbh 'son na subasaidhean a làimhseachadh.
Stèidhich iad sgeama iasaid feuch faochadh a thoirt dhan fheadhainn a bh' ann an staing airgid ri linn a' bhùraich.
Càin
Dh'fhaodadh fhathast gun tèid càin suas ri £125m air an Riaghaltas bhon Choimisean Eòrpach.
Thàining uallach air an fhear a bha na rùnaire air cùisean dùthchail, Ridseard Lochhead, a dhreuchd fhàgail.
Innsidh an rùnaire ùr, Mgr Ewing, dhan Phàrlamaid dè an ìre aig a bheil an Riaghaltas ris a' ghnothach a-nise.
Tha na Làbaraich ag iarraidh gealltanais nach bi na trioblaidean a bh' ann am-bliadhna a' tachairt a-rithist an ath-bhliadhna neo às dèidh sin.
Tha dragh air cuid sa ghnìomhachas gun toir e bliadhnaichean cùisean a chur ceart.
"Ma choimheadas tu sìos a Shasainn, nuair a thug iadsan a-staigh an seòrsa sgeama a th' ann a-nise, thòisich iad ann an 2005, agus bha e 2010 mus d' fhuair iad ceart e", thuirt Raibeart Dòmhnallach bho Aonadh nan Tuathanach air a' Ghàidhealtachd.
"Tàire"
"Tha tàire aca fhathast is sin deich bliadhna às dèidh dha tighinn a-staigh, tha tàire aca an t-airgead fhaighinn a-mach ann an àm.
"Tha a h-uile truas agam ri Fearghas Ewing, 's e mess a th' ann.
"Tha fios againn uile mar a tha coimpiutearan - nuair a thèid iad ceàrr, thèid iad fada ceàrr.
"Tha mi taingeil nach ann ormsa a tha obair ri dhèanamh airson an cur ceart", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 19 An Cèitean 2016
- Published
- 19 Am Faoilleach 2016