"Iomagain mhòr" air croitearan

Caoraich

Thuirt BPA nan Eilean Siar gu bheil e airson coinneachadh ris a' mhinistear ùr air a bheil dleastanas airson na croitearachd, Fearghas Ewing, a bhruidhinn mu na tha an dàn dha croitearachd anns an sgìre.

Tha Alasdair Allan ag ràdh gu bheil "iomagain mhòr" ann an coimhearsnachdan croitearachd mu dhol a-mach Choimisein na Croitearachd.

Chuir an Coimisean comataidhean ionaltraidh ann am Mangurstadh is Col Uarach ann an Leòdhas ma sgaoil anns na mìosan a chaidh seachad.

Thuirt Mgr Allan gu bheil e airson bruidhinn ris a' mhinistear gu sònraichte mu airgead nan comataidhean ionaltraidh.

Airgead

Tha Coimisean na Croitearachd ag ràdh gum bu chòir dha na comataidhean an t-airgead a th' aca a sgaoileadh am measg chroitearan na sgìre.

Bha an t-airgead gu traidiseanta ga chumail ann an stòras coitcheann agus ga chosg 'son maith a h-uile duine.

Thuirt Mgr Allan gu bheil seo a' dèanamh dragh dha croitearan is gu bheil tòrr dhuibh air a thogail leis.

"S e seo a' cheist a chuir comataidhean ionaltraidh ann an Leòdhas orm is togaidh mi a' cheist leis an Riaghaltas", thuirt Alasdair Allan.

"Tha ministear ùr ann is tha cothrom ùr ann airson còmhradh mun sin.

"Tha e fìor ri ràdh, mura bi còir aig comataidhean airgead a chumail, cha bhi comataidhean ionaltraidh ag obair, no cha bhi iad ann mu dheireadh thall", thuirt e.

Thuirt Coimisean na Croitearachd mar thà nach do rinn iad dad ach feuchainn ri taic a thoirt do chomataidhean ionaltraidh airson an dleastanas laghail aca a choileanadh.

Thuirt Mgr Allan gu bheil e mar thà air bruidhinn ri Coimisean na Croitearachd fhèin.

Cunntasan

Thog e air an t-seòrsa sgrùdaidh a bu chòir a dhèanamh air cunntasan nan comataidhean ionaltraidh.

"Tha mi a' cluinntinn aon chomataidh a' gearain gu bheil Coimisean na Croitearachd ag iarraidh sgrùdaidh phroifeiseanta air na cunntasan aca.

"Tha a h-uile duine ag aontachadh gu bheil e cudromach gu bheil an t-airgead air a chumail ann an dòigh a tha ceart, ach chan eil buidheann saor-thoileach sam bith anns an dùthaich a tha a' cleachdadh luchd-sgrùdaidh phroifeiseanta.

"Ceistean mar sin mun dòigh sa bheil an Coimisean a' dèiligeadh leis na puingean seo, tha mi air a thogail leis a' Choimisean fhèin agus a-nise tha mi ag iarraidh beachd bhon mhinistear cuideachd", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile