Feum air taic dha uachdarain choimhearsnachd

Caora

Nochd beachd gu bheil uachdarain choimhearsnachd feumach air taic a bharrachd anns na mìosan às dèidh dhaibh am fearann aca a cheannach.

Thàinig an t-iarrtas bho chathraiche Urras Oighreachd Ghabhsainn, Agnes Rennie.

Bha i a' bruidhinn aig co-labhairt bhliadhnail na buidhne Fearann Coimhearsnachd na h-Alba.

Bidh deich bliadhna ann an ath-bhliadhna bho cheannaich muinntir an àite an oighreachd.

Taic is stiùireadh

Thuirt a' Bh.Ph. Rennie gun robh taic is stiùireadh gu leòr ann dhaibh mus do cheannaich iad am fearann.

Cha robh sin ann aig an aon ìre, thuirt i, nuair a bha an oighreachd ann an làmhan na coimhearsnachd.

Dhèanadh taic a bharrachd dha uachdarain ùra san t-suidheachadh sin feum, tha i ag ràdh.

"S dòcha nach eil buileach an aon cuideachadh ann aon uair is a tha an ceannach air a dhèanamh, aon uair is a tha sealbh air fhaighinn air an fhearann", thuirt Agnes Rennie.

"Chan ann nas fhasa a tha cùisean a' fàs an uairsin.

"Cothroman"

"Tha ceistean mòra ro bhuidheannan a tha an ceum sin air a ghabhail, agus ged a tha h-uile duine ga dhèanamh às dèidh beachdachadh gu làidir air carson a tha iad ga dhèanamh, is dè na cothroman a tha gu bhith ann - agus cha deadh a dhèanamh idir gun a bhith a' smaoineachadh gun robh cothroman gu bhith na lùib - ach tha dùbhlan a' tighinn an lùib sin cuideachd", thuirt i.

Bha Ministear Ath-Leasachaidh an Fhearainn ann an Riaghaltas na h-Alba, Roseanna Choineagan, cuideachd aig a' cho-labhairt ann an Steòrnabhagh.

Rinn i moladh air ma tha a coimhearsnachdan air smachd a ghabhail air an fhearann aca.

Thuirt i gum bu chòir am prionnsabal a sgaoileadh air feadh Alba, fiù 's anns na bailtean mòra.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile