Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Hiroshima

Tha an Ceann-Suidhe Obama air tadhal air Hiroshima ann an Iapan. 'S e a' chiad Cheann-Suidhe Aimeireaganach a th' ann an oifis a th' air a dhol chun a' bhaile a chaidh a sgrios leis a' chiad bhoma atomach a chaidh a leigeil air baile riamh. A' bruidhinn aig carragh-cuimhne oifigeil a' bhaile, thuirt e gun tàinig e a bheachdachadh air a' chumhachd uabhasach a chaidh a leigeil ma sgaoil os cionn Hiroshima 71 bliadhna air ais.

Libia

Tha soitheach eile bhon Chabhlach Rìoghail ga chur dhan Mhuir Mheadhan-Thìrich feuch stad a chur air cùiltearan daonna. Bidh e cuideachd an-urra ris an t-soitheach a bhith a lorg chargothan airm a tha gan cur gu luchd-sabaid na buidhne IS ann an Libia.

Seach-rathad an t-Sròim

Tha tè de bhuill na Gàidhealtachd ann an Holyrood ag ràdh gu bheil e tàmailteach gu bheil uachdaran air taobh siar Rois air cur an aghaidh plana rathad ùr a thogail an àite seach-rathaid an t-Sròim. Thàinig e am bàrr ann an iarrtas a rinn am BBC tro Achd Saoirse an Fhiosrachaidh, gu bheil Oighreachd Atadail air innse do Chomhairle na Gàidhealtachd gun cuireadh iad gu làidir an aghaidh rathaid tro Ghleann Udalain. Tha roghainn eile ann drochaid a thogail thar Chaolas an t-Sròim, ach bhiodh sin gu math nas daoire. Thuirt Ball na Sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Gail Ros, gur e ceist shàbhailteachd chudromach a th' ann dhan choimhearsnachd.

An t-Aonadh Eòrpach

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air rabhadh a thoirt gun cailleadh a h-uile peinsean luach ma dh'fhàgas an dùthaich an AE. Tha aithisg bho Roinn an Ionmhais a' dèanamh dheth gun cailleadh daoine suas ri £137 sa bhliadhna bhon pheinsean aca. Ri linn èirighean ann an ìrean atmhorachd. Tha Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn, a tha ag iomairt Breatainn a thoirt às an AE, air ceist a thogail mu chreideas nam figearan ge-tà, ag ràdh gur e oidhirp dogail a bh' ann leis an Riaghaltas aire a tharraing bho cheist na h-in-imreachd.

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig air Comhairle na Gàidhealtachd air iomagain a nochdadh mu mar a chaidh cur às do dhreuchd Manaidseir Leasachaidh a' chànain aig an ùghdarras ionadail. Chaidh cur às dhan dreuchd anns a' Ghearran. A' bruidhinn aig coinneimh den bhuidhinn an-dè, thuirt an Comh. Hamish Friseal, gu bheil uallach mòr air mun chùis, agus nach eil e soilleir fhathast dè a' bhuaidh a bheir e air obair na Gàidhlig anns a' Chomhairle.

Call Cosnaidh

Chaidh còrr is 50 cosnadh a chall aig companaidh innleadaireachd ann an Obar Dheathain, agus tha ceist ann mu dheugachadh eile. Chaidh luchd-rianachd a ghairm a-steach le Enterprise Engineering Services Eta, ri linn crìonaidh mhòir anns na h-òrdain aca air sgàth cho ìosal 's a tha prìs na h-ola.

Oilthighean

Tha Alba air dheireadh air Sasainn a thaobh daoine bho theaghlaichean nas bochda fhaighinn dìreach on sgoil dhan oilthigh, a rèir aithisg ùire. Tha an aithisg, bho Oilthigh Dhùn Èideann agus Urras Sutton, ag ràdh gu bheil àrd-ìre air àiteachan oilthigh ga dhèanamh nas doirbhe do dhaoine bho theaghlaichean nas bochda àite fhaighinn. Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach eil an aithisg a' toirt sealladh ceart air suidheachadh na dùthcha.