Foghlam Gàidhlig fon phrosbaig

Beachdaichidh comhairlichean Gàidhealach Diardaoin air grunn mholaidhean co-cheangailte ri foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns an sgìre.

Bidh Comataidh Buileachaidh na Gàidhlig a' coimhead air am bu chòir dhaibh Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a ghluasad gu làraich ùir.

Cuideachd, le sgoil ùr ga togail ann am Baile Dhubhthaich airson clann eadar trì agus 18, thèid coimhead air a' bheachd gum biodh e na bu fhreagarraiche Bun-sgoil Ghàidhlig fa-leth a thogail an sin.

Thuirt Carrie Affrin bho Chomann nam Parant am Baile Dhubhthaich: "Tha na h-àireamhan againn a' dol suas ann am Baile Dhubhthaich bhon sgoil-àraich agus tha buidheann againn airson leanabh agus pàiste, agus tha na h-àireamhan dìreach sgoinneil ann an sin, agus tha na h-àireamhan a' dol suas gach bliadhna anns an sgoil cuideachd."