Trèanadh defibrillator an Nis

Defibrillator ga chur an sàs Image copyright Science Photo Library

Tha cuireadh ga thoirt do mhuinntir Nis ann an Leòdhas trèanadh a dhèanamh air innealan defibrillator, 's comatadh san sgìre air airgead a thogail 'son còig dhiubh a cheannach.

Cleachdar na h-innealan airson cobhair èiginneach a dhèanamh air daoine a th' air grèim-cridhe a ghabhail.

Cha bheag a' chosgais a th' orra, ach tha a' chomataidh ann an Nis air mu £10,000 a thogail, a cheannaicheas còig dhiubh, an àite a dhà a bha dùil aca fhaighinn.

"Tha dà là trèanaidh gu bhith againn, Dihaoine an 3mh agus Disathairne an 4mh den Ògmhìos," thuirt Màrtainn MacLeòid, a th' air a' chomataidh.

"Dihaoine ann an Comann Eachdraidh Nis aig 7:00f, agus Disathairne, 4:30f ann an Spòrs Nis.

"Tha sinn ag iarraidh tòrr dhaoine. Ma tha còig bucais gu bhith ann an Nis, feumaidh daoine a bhith ann a bhios cofhurtail mar a tha iad ag obair agus a dhol gan iarraidh ann an suidheachadh far am feumadh tu a dhol gan iarraidh.

"Chan e rud duilich a th' ann ionnsachadh, ach tha e gu math cudromach gun tig thu dhan t-seisean trèanaidh gum bi fios agad mar a tha e ag obair.

"Ma thig suidheachadh an-àird, bidh panic ann. Chan eil thu ag iarraidh am bucas sin fhosgladh airson a' chiad trup ann an suidheachadh nuair a dh'fheumas tu a chleachdadh.

"Tha sinn an dòchas nach eil feum gu bhith air, ach ma bhios còig bucais ann agus gun sàbhail iad dìreach aon bheatha tha e gu bhith cudromach," thuirt e.