Gearraidhean a' cosg £13.4m air Ghàidhealtachd

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd gus £13.4m a phàigheadh do dhaoine airson an dreuchdan fhàgail.

Ghabh 340 duine an cothrom an dreuchdan a chrìochnachadh gu saor-thoilleach agus an t-ùghdarras ionadail a' feuchainn ris na tha iad a' pàigheadh ann an tuarastail a thoirt a-nuas.

Tha an suim air a chur an lùib aithisg a thèid a chur mu choinneimh Comataidh Ghoireasan na Comhairle.

Thuirt oifigearan gun robh sin £1m nas motha na bha dùil.

Tha iad a' toirt seachad rabhaidh gum faodadh an àireamh a dhol suas nuair a thèid aontaidhean a dhèanamh le luchd-teagaisg agus luchd-obrach foghlaim eile.

Ach tha a' Chomhairle ag ràdh gun sàbhail iad £10m bliadhna air bliadhna le 340 duine a thoirt far an leabhraichean.

Thuirt iad cuideachd nach deach gabhail ri tagraichean nan robh buaidh air dòigh shàbhailte agus èifeachdach seirbheisean a lìbhrigeadh.