Dachaidh ùr san amharc dha coithional Hearach

Taigh-òsta is taigh-seinnse na Hearadh Image copyright Gordon Brown / Geograph
Image caption 'S ann le Taigh-òsta na Hearadh a tha an togalach an-dràsta.

Tha coithional ùr na h-Eaglaise Saoire ann an Ceann a Tuath na Hearadh an dòchas togalach taigh-seinnse air an Tairbeart a ghabhail os làimh.

Chaidh an coithional a chruthachadh le feadhainn a dh'fhàg Eaglais na h-Alba air sgàth an deasbaid mu mhinistearan gèidh.

'S e an t-Urramach Dàibhidh MacLeòid am ministear a th' aca, is e fhèin air Eaglais na h-Alba fhàgail.

Bho chaidh an coithional ùr a stèidheachadh, tha iad air a bhith a' cumail sheirbheisean ann an Talla Coimhearsnachd an Tairbeirt.

Tha iad a-nise ag amas air dachaigh ùr ann an togalach a tha an-dràsta na thaigh-seinnse is àite bidhe air an Tairbeart, an Harris Inn.

Tha an taigh-seinnse ga ruith mar phàirt de Thaigh-òsta na Hearadh.

Iarrtas

Chaidh iarrtas a chur gu Comhairle nan Eilean Siar mar-thà airson cead gus an togalach atharrachadh bho thaigh-seinnse gu eaglais.

Tha feum air fuasgladh cuideachd a thaobh rudan mar àite do chàraichean.

Feumaidh an coithional cuideachd faighinn a-mach dè chosgas obair-leasachaidh air an togalach.

Cha deach tairgse fhoirmeil a dhèanamh aig an ìre seo.

Dhearbh an fheadhainn leis a bheil an taigh-seinnse gu bheil iad air aontachadh coimhead ri tairgse sam bith a thig bhon eaglais, ma thig i.

Tha iad ag ràdh gum bi an taigh-seinnse fosgailte tron t-samhradh seo mar as àbhaist.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile