Fios a' tighinn mu chùmhnant nan aiseagan

Air fhoillseachadh

Tha dùil ri fios goirid às dèidh 9.00m Diardaoin cò gheibh cùmhnant nan aiseagan air a' chosta an iar.

'S iad Caledonian Mac a' Bhruthainn agus a' chompanaidh phrìbhideach, Serco, a tha a' farpais air a shon.

Tha luach £1b sa chùmhnant, a mhaireas ochd bliadhna.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach robh dol às aca fo laghan Eòrpach ach an cùmhnant a chur a-mach gu tairgse.

Tha cuid a' cumail a-mach, ge-tà, nach robh feum air a' phròiseas.

Thèid fianais a thogail aig Holyrood an-diugh agus aonadh an RMT ag ràdh gum biodh droch bhuaidh air tuarasdail agus còirichean obrach nan rachadh an cùmhnant a chur dhan roinn phrìbhidich.

Bidh naidheachdan nas fhaide na an àbhaist air BBC Radio nan Gàidheal aig 10.00m an-diugh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh