Geamaichean mòra aig deas is tuath

Tòmas Whyte Image copyright SNS
Image caption Tha Caol Bhòid ag amas air grèim a chumail air a' Chupa Cheilteach.

Bidh sùil aig gu leòr san iomain Disathairne air a' cheann a deas is Camanachd an Òbain is Caol Bhòid gus strì 'son àite sa chuairt dheireannaich den Chupa Cheilteach.

Seo a' chuairt dheireannach a bh' ann an-uiridh, geama a bhuannaich Caol Bhòid 4-2.

B' e sin an treas bliadhna ann an sreath a bha sgioba Thaigh na Bruaich air an Cupa Ceilteach a thogail, is iad air an grèim làidir a bh' aig Inbhir Aora air an duais fad iomadh bliadhna a bhristeadh.

Tha iad air 2016 a thòiseachadh gu math cuideachd, is iad an-dràsta aig mullach na Prìomh Lìge.

Bidh Camanachd an Òbain misneachail mun gheama seo, ge-tà.

Chaill iad an aghaidh Chinn Loch Seile an t-seachdain seo chaidh, ach b' e sin a' chiad gheama a bha iad air call air a' bhliadhna seo.

Gu follaiseach tha sgioba an Òbain air an seusan ùr a thòiseachadh mar a chrìochnaich iad 2015, nuair a theich iad à staing aig bonn na lìge.

A bharrachd air sin, 's ann air a' phàirc aca fhèin aig Mossfield a bhios an geama Disathairne.

Geama inntinneach san amharc is Inbhir Aora a' feitheamh ris an sgioba a nì a' chùis.

Dearbaidh

Sa Phrìomh Lìog bidh aire air Port Rìgh far an tèid na Sgitheanaich an aghaidh nan nàbaidhean aca à Tìr Mòr, Ceann Loch Seile.

Tha na Sgitheanaich air tòiseachadh an ìre mhath bho thill iad dhan ìre as àirde, is iad air dìreach aona gheama à ceithir a chall san lìog.

'S e dearbhadh a tha sin gu bheil iad comasach gu leòr aig ìre na Prìomh Lìge, ach 's e an trioblaid, gun robh iad co-ionnan sna trì gheamaichean eile.

Fhuair Jamie Gannon moladh mòr 'son mar a chluich e eadar na puist an t-seachdain seo chaidh an aghaidh Lòbhait, is bidh na Sgitheanaich an dòchas gun tèid aigesan air am ball a chumail a-mach a-rithist, is an turas seo gun tèid aig na cluicheadairean-aghaidh air cothrom a ghabhail aig a' cheann eile.

'S e dùbhlan a bhios seo dhaibh, ge-tà.

Thèid Ceann Loch Seile fhèin tarsainn air an drochaid ann an sunnd às dèidh dhaibh an geama sin an aghaidh an Òbain a bhuannachadh.

Dh'fhàg sin iad còmhla ri Caol Bhòid aig mullach na Prìomh Lìge.

Dearbaidh inntinneach dha-rìribh san amharc aig Pàirc nan Laoch.

Anns na geamaichean eile sa Phrìomh Lìog, bidh Gleann Urchadain an aghaidh Loch Abair, is Ceann a' Ghiuthsaich an aghaidh Lòbhait.

Ann an Lìog Tuath 2 chaidh an geam eadar Camanachd Leòdhais agus Inbhir Nis, a bha gu bhi air a chluich ann an Siabost, a chur dheth.