Interim Interdict ga dhiùltadh

Dh'fhailich le tagradh aig Cùirt an t-Siorraim an aghaidh mar a tha Coimisean na Croitearachd a' dèiligeadh ri suidheachadh Chuil Uaraich an Leòdhas.

Bha fear-lagha a tha a' riochdachadh na seann chomataidh ionaltraidh air interim interdict iarraidh.

Ach, thathas a' tuigsinn nach do ghabh a' Chùirt an Inbhir Nis ris, leis gun robh Connstabal Ionaltraidh air a chur an sàs ann mus deach am bacadh iarraidh.

Ann am brath a dh'fhoillsich an Coimisean, thuirt iad gun robh iad ag ath-dhearbhadh an dealais a th' aca a bhith ag obair còmhla ri luchd-earrainn Chuil Uaraich an dèidh a' cho-dhùnaidh an Interim Interdict a dhiùltadh.

"Bha na h-òrdughan sin air bacadh a chur air a' Choimisean bho a bhith a' coileanadh an dleastanais reachdail a thaobh na cùise seo," thuirt iad.

"Tha dùil aig a' Choimisean fios a thoirt do luchd-earrainn Chuil Uaraich mun t-suidheachadh seo cho luath 's a ghabhas, gus dèanamh cinnteach gu bheil fiosrachadh aca mu ghnothaichean a tha gu dìreach a' toirt buaidh orra.

"San eadar-ama leanaidh an Constabal Ionaltraidh, a chuireadh na dhreuchd an t-seachdain seo chaidh, air leis a chuid rannsachaidhean, agus bidh e ri fhaotainn gus dèiligeadh ri draghan sam bith a dh'fhaodadh a bhith aig luchd-earrainn, no ri gnothaichean cabhaigeach sam bith a dh'fhaodadh èirigh an co-cheangail ris an talamh ionaltraidh."