An Louisa air a togail
- Air fhoillseachadh

Chaidh am bàta-iasgaich a chaidh fodha far chosta Mhiughlaidh air a' mh`ios a chaidh seachad a thogail far ghrunnd na mara.
Chaidh triùir den chriutha air an Louisa a chall san tubaist.
Bidh Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara a-nis a' dèanamh sgrùdaidh air an Louisa feuch dè dh'fhàg gun deach i fodha agus i aig acair.
Cha tàinig ach aon duine beò às an tubaist air an 9mh là den Ghiblean.
Bha an Louisa aig acair far chosta Mhiughlaigh nuair a chiadh i fodha ann an uairean beagan na maidne.
Fhuair Lachlann Armstrong à Steòrnabhagh air snàmh gu tìr.
Chaill triùir am beatha ge-tà.
'S iadsan Crìsdean Moireasdan às na Hearadh, Màrtainn MacIain à Gallaibh agus Pòl Alliston à Leòdhas.
Cha deach corp Mgr Alliston a lorg fhathast.
Dh'iarr Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara gun rachadh am bàta a thogail far ghrunnd na mara.
'S ann uair ainneamh a thèid bata-iasgaich a thogail far ghrunnd na mara, ach o nach robh i ach beagan mhìltean bhon chladach tha e ga dhèanadh nas fhasa slige a' bhàta a thogail.
Thèid a-niste sgrùdadh a dhèanamh oirre faic dè dìreach a dh'adhbharaich an tubaist.