Cò a rinn e?

Postair Mhuseum ann Eilean Image copyright Museum nan Eilean

Cumar tachartasan "toimhseachan muirt" ann an Leòdhas agus ann an Lìonacleit aig deireadh na seachdain ann an oidhirp daoine ùra a thadhladh gu taighean-tasgaidh Mhuseum nan Eilean.

Bidh dà thachartas ann - fear sa Ghàidhlig agus fear eile sa Bheurla - anns gach cuid Taigh-tasgaidh Lìonacleit agus anns an taigh-tasgaidh ùr ann an Caisteal Leòdhais Disathairne.

Tha seo mar phàirt de dh'fhèis nas motha, Fèis nan Taighean-tasgaidh, a tha a' dol air adhart air feadh Alba eadar an 13mh agus an 15mh den mhìos.

Thuirt Catriona NicCuthais bho Thaigh-tasgaidh nan Eilean ann an Lìonacleit gur e rud gu tur ùr a th' ann dhaibh-san.

"'S e rudeigin gu math eadar-dhealaichte airson an taigh-tasgaidh a th' ann.

"Tha sinn ag iarraidh daoine nas òige a tharraing a-staigh dhan taigh-tasgaidh agus gun tig iad a-staigh agus gum faic iad gu bheil sinn a' dèanamh rudan neo-àbhaisteach.

"Bidh eachdraidh ann. Bidh beul-aithris ann. Bidh fealla-dhà ann, agus spòrs, agus dràma, agus a h-uile rud a tha sin.

'S e Seumas Mac a' Mhaolain a sgrìobh sgriobta a' gheama far am bi aig daoine ri dhèanamh a-mach cò a-mach às na caractaran air fad a bha air cùl muirt.

Ann an Lìonacleit a thuilleadh air a bhith a-staigh san taigh-tasgaidh fhèin bithear shìos air a' chladach agus timcheall na sgoile.

Ann an Steòrnabhagh bithear a' dol timcheall an togalaich ùir agus a-muigh sa Ghearraidh Chruaidh.

Òigridh

Tha Museum nan Eilean gu sònraichte ag amas air daoine eadar 14 agus 30 bliadhna de dh'aois, ach bidh na tachartasan fosgailte dha daoine nas sine na sin cuideachd.

"Tha sinn a' faireachdain gur e aois a tha sin nach bi iad a' tighinn dhan taigh-tasgaidh leotha fhèin, mar as trice," thuirt Catriona NicCuthais.

"Tha mi a' smaoineachadh, 's dòcha nach e àite a tha iad a' smaoineachadh air a dhol airson cur-seachad agus, mar sineach, tha sinn a' feuchainn ri rudeigin às ùr a chur air dhan aois sin agus 's dòcha gun tòisich iad an uairsin a' tighinn nas trice," thuirt i.

Tha Museum nan Eilean a' cur ìmpidh air daoine fios a chur thuca ma tha ùidh aca sa chùis leis gu bheil iad air an cuingealachadh a thaobh àireamhan.

Chan urrainn dhaibh ach dusan duine a ghabhail sa Ghàidhlig agus dusan sa Bheurla.

Bidh tachartas na Gàidhlig san dà àite eadar 12:00f - 1:30f, leis a' gheama ga chluich sa Bheurla eadar 2:30f - 4:00f.

Ma tha ùidh air duine sam bith sna tachartasan cuiribh posd-d gu lisa.wilson@cnes-siar.gov.uk ann an Lìoncleit air a neo gu angus.murray@cne-siar.gov.uk ann an Steòrnabhagh.