Seirbheis smùide air seusan ùr a thòiseachadh

Drochaid-rèile Ghlinn Fhionnghain Image copyright Thinkstock

Thòisich seusan ùr de sheirbheis trèana smùid air loidhne rèile air taobh siar na Gàidhealtachd, an dèidh mar a chaidh casg a thogail far na companaidh a tha ga ruith.

Chuir Oifis na Rèile 's nan Rathaidean casg air Companaidh Rèile a' Chosta an iar, a tha a' ruith trèana an Jacobite eadar an Gearasdan agus Malaig, bho a bhith a' ruith sheirbheisean air prìomh loidhnichean rèile na Rìoghachad Aonaichte an dèidh thubaistean a thachair ann an Sasainn.

Chaidh an casg a thogail sa Mhàrt an dèidh chòmhraidhean eadar a' bhuidheann agus a' chompanaidh, a' leigeil leotha ullachadh air thoiseach air seusan na turasachd.

Harry Potter

Bidh an trèana a' siubhail air loidhne a tha ga meas mar fhear de na tursan rèile as fheàrr san t-saoghal.

Bidh e a' dol tron stèisean as fhaide an iar ann am Breatainn, ann an Àrasaig, agus e cuideachd a' gabhail thairis air drochaid Ghlinn Fhionnghain, a dh'fhàs ainmeil 's e a' nochdadh ann am fiolmaichean Harry Potter.

Thuirt Seumas Shuttleworth, bhon chompanaidh rèile, gun robh iad gu math toilichte a bhith a' tòiseachadh air seusan eile.

"Bha còmhraidhean gu math dìan againn ri Oifis na Rèile 's nan Rathaidean, agus tha iadsan toilichte leis na leasachaidhean a rinneadh," thuirt e.

"Chan e gu bheil seo air buaidh a thoirt air an Jacobite, ach a thaobh ar seirbheisean air feadh na dùthcha.

"Tha iad cofhurtail gu bheil plana againn a tha a' tighinn a rèir an cuid fheumalachdan, agus a tha a' toirt chùisean air adhart."