Constabal Ionaltraidh ann an Col Uarach
- Air fhoillseachadh

Chaidh innse do sheann chomataidh ionaltraidh Chuil Uaraich ann an Leòdhas gun deach constabal ionaltraidh a chur an sàs sa bhaile aca.
Chuir Coimisean na Croitearachd a' chomataidh a-mach às oifis bho chionn mìos 's iad a' fàgail orra nach robh iad air làn-sgrùdadh a dhèanamh air na cunntasan aca.
A-nis tha an coimisean air fear às Inbhir Narann a chur os cionn ghnothaichean gus an tèid an suidheachadh a rèiteachadh.
Ann an litir gu croitearan Chuil Uaraich dh'innis an coimisean mun co-dhùnadh aca constabal ionaltraidh a chur an sàs sa bhaile airson dleastanasan na seann chomataidh ionaltraidh a choileanadh.
Dh'iarr iad air na croitearan co-obrachadh leis a' chonstabal agus fiosrachadh sam bith a bha a dhìth air a thoirt dha.
Thuirt an coimisean gun robh iad an dòchas nach biodh e san dreuchd fada agus gun deadh comataidh ionaltraidh ùr a thaghadh ann an ùine nach biodh fada.
Thèid tuarastal a' chonstabail a phàigheadh a-mach à airgead na comataidh ionaltraidh fhèin.
Coinneamh
Ann am brath-naidheachd thuirt an coimisean gu bheil dleastanas orra fo Achd na Croitearachd sgrùdadh a dhèanamh air casaidean neo-riaghailteachdan ionmhasail a tha luchd-earrannan baile a' togail agus gu lean na rannsachaidhean aca gus an tèid mìneachaidhean freagarrach a thoirt seachad.
Thuirt an coimisean gum bi iad ri fhaotainn airson coinneachadh ri croitearan Chuil Uaraich Diluain seo tighinn agus gun tèid suidheachadh a' bhaile a mhìneachadh an uairsin.
Thuirt iad cuideachd gun obraich iad còmhla ri luchd-earrannan airson "an t-slighe air adhart as freagarraiche fhaighinn."
Ach tha ceist ann a bheil na croitearan deònach an coinneachadh.
Thog eòlaiche lagha chroitearachd, Brian Inkster, ceist mu a bheil còir aig a' choimisean constabal ionaltraidh a chur an sàs an dèidh dhaibh comataidh ionaltraidh a chuir às oifis.
A rèir Mhgr Inkster chan eil an cumhachd sin aca fo Achd na Croitearachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 9 An Cèitean 2016
- 6 An Cèitean 2016