Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

EU

Thuirt Daibhidh Camshroin gu faodadh sìth sa Roinn Eòrpa a bhith ann an cunnart nam bhòtadh Breatainn 'son falbh às an Aonadh Eòrpach. Thuirt am Prìomhaire ann an òraid ann an Lunnainn gun tug an t-Aonadh Eòrpach còmhla dùthchannan a bha fad linntean a' sabaid ri cheile. Ni Boris Johnson òraid an-diugh fhathast anns an can esan gu bheil fuireach san EU na chunnart leis gu bheil an t-aonadh a' diulteadh atharrachadh neo leasachadh.

Buaidh air Alba

Tha Comataidh Chùisean na h-Alba a' coinneachadh ann an Glaschu a' gabhail bheachdan air buaidh referendum an EU air Alba. Bidh gnìomhachas an àiteachais, an iasgaich, ceannardan foghlaim agus na h-aonaidhean am measg na bheir beachd dha na buill pàrlamaid air dè bhuaidh a bheireadh bhòt 'son fuireach neo falbh orrasan.

BPA ùra

Tha buill ùra Phàrlamaid na h-Alba a' faighinn turas air Holyrood an-diugh. Seo a' chiad uair a tha buill ùra a' faighinn cothrom air cùrsa a' sealltainn dhaibh mar a tha an t-aite ag obair.

Fiachan

Tha figearan ùra ag ràdh gu bheil corr 's £800M de dh'fhiachan air Comhairle na Gàidhealtachd. Agus tha aithisg a thèid mu choinneimh na comhairle Diardaoin ag ràdh gun èirich sin gu corr 's £1B an ath-bhliadhna le airgead eile a tha air iasad aig a' chomhairle 'son rudan mar sgeama connspaideach PPI nan sgoiltean. Tha ceannardan na comhairle ag ràdh gu bheil smachd aca air na fiachan agus gu feum iad airgead a ghabhail air iasad 'son airgead a chuir an sàs ann an gnothaichean mar chàradh nan rathaidhean.

Coimisean na Croitearachd

Tha e coltach gun deach Coimisean na Croitearachd an aghaidh comhairle laghail a fhuair iad fhèin roimhe anns an dòigh san do chuir an comisean às do chomataidh ionaltraidh Chuil Uairich ann an Leòdhas. Tha sin an rèir litir, air an d'fhuair am BBC sealladh, agus a sgriobh seann chathraiche a' chomisein, Susan Walker, ann an 2013.

Buaireadh Mhangurstaidh

Aig a' cheart àm, tha fear a bha a' gearain mu chomataidh ionaltraidh Mhangurstaidh ann an Leòdhas agus a bha aig meadhan a' bhuairaidh a dh'fhàg a' chomataidh an sin a-mach à oifis air iarrtas airson an roinn fhèin de dh'airgead na comataidh ionaltraidh a tharraing. Chuir seann chomataidh Mhangurstaidh fàilte air sin agus tha iad a-nise ag iarraidh air a' choimisean an cuir air ais ann an oifis.

Platini

Ball-coise. Thàinig dearbhadh bho luchd-lagh do Michel Platini gu fag esan a dhreuchd mar cheann-suidhe air UEFA an dèidh dha failneachadh air cuir às gu lèir do chasg air bho bhall-coise. Chaidh casg air Platini airson £1.3M a gabhail bho FIFA ann an 2011. Chaidh an casg sin a ghearradh bho shia bliadhna gu ceithir.

MacFhionghain

Thug Raith Rovers cead dhan mhanaidsear aca, Ray MacFhionghain, bruidhinn ri Dundee United. The Tannadice ag iarraidh MhicFhionghuin an àite Mixu Paatelinein.

Iomain

Agus tha an taghadh ann an-diugh 'son na dàrna cuairt de Chupa na Camanachd, an ìre aig am bheil sgiobannan a' phrìomh lìog a' tighinn a-staigh air an fharpais. Am measg nan geamachan a tha air tighinn às an ad aig an ìre seo tha Lòbhat an aghaidh Bhaile Ùr an t-Sèibhe, Taigh an Uillt air an neo Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal ag aghaidh an Eilein Sgitheanaich, agus Camanachd an Òbain an aghaidh Ghleann Urchadain.