app
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

App son seirbheisean èiginn a chuideachadh

5 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha poilis na h-Alba agus na seirbheisean èiginn eile, a' moladh do dhaoine ann an sgìrean iomalach 'app' Geolocation a chur air na fònaichean aca, a dh' innseas gu mionaideach far a bheil iad, ma 's e is gu bheil iad a' cur feum air cobhair.

Chan ann a-mhàin do dhaoine am measg nam beanntan, neo àitichean fìor iomallach a bhiodh seo; dh'fhaodadh e bhith na chuideachadh ann an sgìrean far a bheil ainmnean àite coltach ri chèile ach ma dh' fhaoidte grunn mhìltean bho chèile.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.