Ath-thagradh tuath gaoithe Sròn na Lairge

Crann-gaoithe

Thòisich Riaghaltas na h-Alba agus a' chompanaidh chumhachd SSE tagradh ann an Cùirt an t-Seisein, 's iad a' sireadh breith gun do rinn breitheamh mearachd le a bhith a' cur stad air tuath gaoithe mòr anns a' Mhonadh Liath.

Ghabh am Morair Jones nach maireann ri tagradh an-uiridh bho Urras Iain Mhuir a bha a' cumail a-mach gu robh ministearan an riaghaltais ceàrr a bhith a' toirt cead dhan tuath gaoithe ann an 2014, seach nach d'fhuair am mòr-sluagh cothrom beachd fhoillseachadh air an leasachadh aig Sròn na Lairge.

Thug ministearan cead dhan tuath gaoithe anns an robh 67 tùr a dh'aidhneoin 's gu robh prìomh luchd-comhairleachaidh an riaghaltais, Dualchas Nàdar na h-Alba, air dragh a thogail mun phlana.

Tha dùil gum mair an èisteachd ann an Cùirt an t-Seisean trì latha.

Thuirt Urras Iain Muir gu robh e na bhriseadh dùil dhaibh gu robh airgead poblach ga chleachdadh air an ath-thagradh.