Gearainnean sa Ghairbheach

Beinn na Cìche Image copyright Jim Benvie/Geograph

Tha muinntir sgìre na Gairbhich air tighinn còmhla a chur an aghaidh phlanaichean Scottish Hydro Electric Transmission (SHET) gus loidhne de chrainn-dealain sam biodh ochd fichead 's a còig troighean de dh'àirde, faisg air Beinn na Cìche. Dheadh an loidhne a thogail eadar an Tulach Dhubh agus Ceann an Todhair, mar loidhne a bheireadh taic do bhun-structar a th' ann mar thà.

Cha deach slighe na loidhne ùire a dhearbhadh fhathast, ach tha SHET air innse san fharsainneachd càite a bheil dùil aca a chur.

Ach tha co-òrdanaiche na h-iomairt na aghaidh, Bill MacEanraig, ag ràdh gum buin an teicneòlas a tha iad am beachd a chur an sàs don t-saoghal a bh' ann o chionn leth-cheud bliadhna, 's gu bheil e neo-èifeachdach ri linn na chaillear de dhealan bho na càballan.

"Sa Ghearran fhuair sinn fiosrachadh gun robh iad a' coimhead ri slighe eile dha. 'S e slighe gu math cumhang a th' ann, tro Chaisteal nam Frisealach," thuirt Mgr MacEanraig.

"Tha daoine a' fàs gu math an-fhoiseil mu dheidhinn seo, agus e san t-sealladh air Beinn na Cìche. 'S e crainn gu math math àrd a tha seo.

"Gheibheadh tu 's dòcha eadar 15 is 20 crann air beulaibh Beinn na Cìche. Tha sinne a' saoilsinn gu bheil seo gu tur ceàrr.

"'S e seann teicneòlas a tha seo ann an sgìre bhòidheach nach deach a mhilleadh, le seallaidhean neo-bhriste."

Bidh mu thrì cheud gu leth de luchd-turais a' tadhal san sgìre gach bliadhna, tha an luchd-iomairt ag ràdh, air sgàth a bòidhcheid.

Ach tha SHET ag ràdh gu bheil an sgeama a dhìth, agus iarrtas a' sìor fhàs air dealan sa cheann a tuath.

"Tha am pròiseact a tha seo aig ìre gu math tràth, 's cha deach slighe a dhearbhadh fathast," thuirt stiùiriche a' phròiseict, Greig Mac an Tàilleir.

"Tha sinn air 21 tachartas co-chomhairle a chumail gus beachdan an t-sluaigh fhaighinn, a thuilleadh air tachartasan eile leis na h-ùghdarrasan a thaobh slighe a lorg."

Tha co-chomhairle air na planaichean a' tighinn gu crìch air 6mh an Cèitean.