Comhairle Ghlaschu "ceàrr"

Facail

Tha àite san sgoil Ghàidhlig ùir ann an Glaschu - Sgoil Ghleann Dail - airson an tuilleadh sgoilearan, agus cha robh e ceart dhan Chomairle àite a dhiùltadh dhaibh.

Sin a fhuair Comataidh an Ath-thagraidh aig a' Chomhairle ann an cùis triùir chloinne a bha ag iarraidh dhan sgoil.

Tha buaireadh air a bhith ann mu cho beag àiteachan a bha rim faotainn, agus mar a fhuair an fheadhainn as fhaisge air an sgoil prìomhachas.

Ach thuirt Comataidh an Ath-thagraidh nach robh na h-ùghdarrasan foghlaim ceart is iad a' diùltadh sgoilearan air eagal is gun cuireadh e cus cuideam air an sgoil sna bliadhnaichean ri thighinn.

Sgìrean Ghabhail

Bidh coinneamh naidheachd aig Bòrd na Gàidhlig Diciadain, agus iadsan air taic a chur ris na pàrantan san iomairt aca.

"Anns a' chiad dol-a-mach bha e coltach gun do thog iad sgoil nach robh mòr gu leòr," thuirt tè de na pàrantan, Eilidh NicFhionghain, a shoirbhich le ath-thagradh.

"Ann an 2013, a-mach às an sgìre sgoile, bha 22 duine-cloinne a' dol dhan sgoil anns a' chiad bhliadhna, 's mar sin bha e gu math follaiseach fhaicinn gum biodh an sgoil làn mar thà, mus robh i gu bhith fosgailte.

"An dàrna rud, rinn iad sgìre sgoile a bha fada, fada ro mhòr, airson sgoil aig nach robh ach aon chlas P1.

"Agus nam bheachd-sa, bha mise a' smaointinn gun robh e ceàrr gun robh clann aig an robh Gàidhlig, clann a bha a' dol gu sgoil-àraich, nach robh iadsan a' faighinn prìomhachais ann an dòigh sam bith, seach daoine a bha a' fuireach nas fhaisge air an sgoil," thuirt i.

Dh'innis a' Chomhairle roimhe gun robh iad air innse do na pàrantan gur ann mar sin a bhiodh an sgoil ùr, 's nach robh rùm san sgoil airson a h-uile duine a bha ag iarraidh innte.

"Sin na bha iad ag innse dhuinn co-dhiù, ach tha e coltach gun do rinn iad sgaradh ceàrr eadar an dà sgoil. Cha robh na sgìrean ghabhail a rinn iad ceart," thuirt Eilidh NicFhionnghain.

"Cha robh iad deònach a ràdh gun do rinn iad mearachd.

"Ach an rud eile, nuair a chunnaic sinn na h-àireamhan a bha gu bhith a' dol a-steach dhan sgoil, chunnaic sinn gun robh àiteachan ann airson cloinne eile.

"Ach cha robh iad a' leigeil le cloinn eile a dhol dhan sgoil.

Achd Saorsa an Fhiosrachaidh

"Rinn tè de na pàrantan iarrtas fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh, agus fhuair sinn freagairt meadhan a' Mhàirt.

"Dh'obraich sinn tron a h-uile fiosrachadh a fhuair sinn airson obrachadh a-mach dè nach robh a' Chomhairle ag innse dhuinn a bha ceart," thuirt i.

Chaidh ath-thagradh leis na pàrantan, agus chaidh co-dhùnadh gun robh àiteachan san sgoil airson tuilleadh chloinne.

"Bha àiteachan san sgoil nach biodh ag adhbharachadh trioblaid sam bith, ach bha àiteachan eile san sgoil a bhitheadh ag adhbharachadh trioblaid - ach chan ann airson còig bliadhnaichean eile," thuirt Eilidh NicFhionnghain.

"Tha sin a' ciallachadh gum feum a' Chomhairle rudeigin a dhèanamh airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig airson leudachadh a dhèanamh anns a' bhaile.

"Chan eil gu leòr àiteachan rim faighinn.

"Tha e follaiseach gum b' urrainn dhaibh a h-uile duine a leigeil a-steach am-bliadhna, agus an uair sin a dhol air adhart 's a dhèanamh na dh'fheumas iad airson an rud a leudachadh, agus bidh rùm airson a h-uile duine ron chòigeamh bliadhna," thuirt i.

Dh'iarr am BBC freagairt bho Chomhairle Ghlaschu, is gheall a' Chomhairle sin a thoirt seachad cho luath 's a 's urrainn dhaibh.