Croitearan Chuil Uaraich a' dol gu cùirt

Caoraich

Tha seann bhuill chomataidh ionaltraidh Chuil Uaraich a' dèanamh air Cùirt an Fhearainn feuch toirt air Coimisean na Croitearachd an cur air ais ann an oifis.

Tha iad den bheachd gun robh e gu tur mì-reusanta dhan Choimisean a' chomataidh a chur ma sgaoil.

Chaidh a' chomataidh ionaltraidh a chur a-mach às oifis as dèidh dhan Chomisean fàgail orra nach robh na cunntasan a thug iad seachad air an sgrùdadh anns an dòigh cheart.

Tha seann bhuill na comataidh ag ràdh gun do dh'iarr an Coimisean na cunntasan às dèidh don chomataidh ionaltraidh gearain a dhèanamh mun dòigh a làimhsich an Coimisean coinneamh leis na croitearan an-uiridh.

Thuirt na buill gun do choilean iad a h-uile iarrtas aig a' Choimisean.

Tha iad a-nis air roghnachadh a dhol gu Cùirt an Fhearainn airson cur an aghaidh co-dhùnadh a' Choimisein.

Cuiridh iad tagradh a-steach chun na cùirteach an ath-sheachdain.

Aig a' cheart àm thug Caidreachas Croitearachd na h-Alba slaic air a' Choimisean mun dòigh a tha iad air a bhith a' dèiligeadh le comataidhean ionaltraidh, 's iad ag ràdh gun robh an dol a-mach aca gun chiall.

Thuirt an Coimisean nach robh iad airson càil a ràdh mu chùisean a tha a' leantainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile