Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Cèitean 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Taghadh

Le dìreach dà là ri dhol san iomairt taghaidh ann an Alba, tha na pàrtaidhean poileataigeach a-muigh ag iomairt a-rithist an-diugh. Bidh ceannard Albannach nan Làbarach, Kezia Dugdale, a' bruidhinn mu ghearraidhean anns an ath-Phàrlamaid, 's aig a' cheart-àm siubhlaidh Rut NicDhàibhidh, Ceannard nan Tòraidhean, a dh'fhaicinn daoine a tha a' bhòtadh airson nan Tòraidhean 'son a' chiad uair riamh. Bruidhnidh Ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, air planaichean gnìomhachais a' phàrtaidh agus planaichean obraichean a chruthachadh, 's bidh Uilleam Rennie bho na Lib-Deamaich a' coinneachadh bhòtairean ann an sgìrean gun Bhall-Pàrlamaid Lib-Deamach.

Coimisean na Croitearachd

Bha co-dhùnadh Choimisein na Croitearachd connstabal ionaltraidh a chur an àite chomataidh ionaltraidh Mhangurstaidh mì-laghail a rèir an eòlaiche lagha chroitearachd a tha a' riochdachadh seann bhall na comataidh. Thuirt Brian Inkster nach robh còir aig a' Choimisean a dhol an sàs anns an eas-aonta ann am Mangurstadh leis gur e ceist ionmhais a bh' ann. Chaidh a' chomataidh ionaltraidh a chur ma sgaoil leis a' Choimisean às dèidh buaireadh le croitear a tha a' fuireach air Tìr Mòr.

Creideas Coitcheann

Dhìon Stephen Crabb, Rùnaire na h-Obrach 's nam Peinnseanan, prògram Creideis Choitchinn an Riaghaltais, às dèidh do bhuidhinn neo-eisimeilich cantainn gum fàgadh e daoine nas miosa dheth. Thuirt an t-Urras Resolution gu bheil an sochair ùr, a dh'aonaicheas diofar shochairean eadar-dhealaichte, air a dhol far an t-seann amais, ri linn ghearraidhean chosgaisean. Ach dhìon Mgr Crabb an t-atharrachadh, ag ràdh gu bheil e a' cuideachadh dhaoine gluasad far shochairean.

Heathrow

Às dèidh 20 bliadhna tha British Airways a' sgèith itealain eadar Port-Adhair Heathrow agus Inbhir Nis a-rithist. Laighidh a' chiad tè dhiubh sin air raon-laighe Inbhir Nis an ceann leth-uair de thìde. Chaidh an t-seann sheirbheis a stad ann an 1997 - rud a dh'fhàg luchd-iomairt ag obair gus an t-seirbheis ath-stèidheachadh.

Bailey Gwynne

Tha rannsachadh neo-eisimeileach a' tòiseachadh madainn an-diugh mu mar a bhàsaich Bailey Gwynne aig Acadamaidh na Cùilte ann an Obar Dheathain an-uiridh. Chaidh an deugaire, a bha 16 bliadhna de dh'aois, a mharbhadh le sgìthinn le sgoilear eile san Damhair. Air a' mhìos a chaidh chaidh an sgoilear a shàth e a chur dhan phrìosan airson naoi bliadhna, 's e air fhaighinn ciontach de mharbhadh le coire.