Rannsachadh an dèidh tubaiste air an A9

Tha rannsachadh a' leantainn mu na dh'adbharaich tubaist rathaid air an A9 feasgar Disathairne anns an deach grunn dhaoine a ghoirteachadh.

Bha trì chàraichean an sàs anns an tubaist faisg air Ionad Gnothachais Deephaven ann am Baile Eoghain mu 5:30f.

Chaidh gach neach anns na càraichean a ghoirteachadh ged nach eil fhios dè cho dona 's a chaidh an leòn.