An Louisa ga togail far grunnd na mara

BBC
Image caption Thèid am bàta a thogail às an uisge nuair a tha sìde freagarrach air a shon.

Dhearbh Meur Rannsachaidh nan Tubaistean Mara (MAIB) gun tog iad an Louisa far grunnd na mara ann an oidhirp fuasgladh fhaighinn air dè a dh'adhbhraich an tubaist far Mhiughlaigh air an 9mh an Giblean.

Chaill triùir den chriutha am beatha nuair a chaidh am bàta fodha agus i aig acaire.

Dh'fhailich rath-sàbhalaidh a' bhàta cuideachd - cha do dh'fhosgail e agus cha do lìon e le eadhar.

Bidh an luchd-rannsachaidh cuideachd a' coimhead air ciamar a lìon am bàta le uisge agus a' mhuir ciùin.

MAIB

Thuirt fear-labhairt an MAIB gun dèidheadh am bàta a thogail "cho luath 's a cheadaicheadh an t-sìde".

"'S e amas an rannsachaidh fuasgladh fhaighinn air carson a chaidh an Louisa fodha agus a chaill daoine am beatha," thuirt e.

Chaidh cuirp Chris Mhoireasdain, 27, às na Hearadh agus Mhàrtainn MhicIain, 29, à Hàcraig ann an Gallaibh a lorg às dèidh na tubaiste.

Cha d'fhuaireadh lorg fhathast air Pòl Alliston, 42, à Leòdhas, a dh'aindheoin iomairt mhòir.

Thàinig Lachlann Armstrong, 27, à Steòrnabhagh beò às an tubaist agus e air snàmh gu tìr.