Teann aig a' mhullach

Caol Bhòid Image copyright SNS
Image caption Bha Ruairidh Dòmhnallach air an targaid dha Caol Bhòid an aghaidh nan Sgitheanach.

Tha Baile Ùr an t-Slèibh air ais air mullach na Prìomh Lìge is iad air Lòbhat a phronnadh 4-0 ann an Cill Targhlain air an deireadh-sheachdain.

Tha cùisean teann, ge-tà, is ceithir sgiobaidhean eile co-ionnan còmhla riutha.

Às dèidh dhaibh Cupa na Camanachd a thogail an-uiridh, 's e beagan de dheuchainn a bh' ann dha Lòbhat Disathairne is cothrom sealltainn gun robh iad comasach air ceann a' mhaide a chumail ris a' Bhaile Ùr san lìog.

Cha deach ro mhath le Lòbhat san deuchainn.

Bha am Baile Ùr ro làidir, Gleann Mac an Tòisich gan cur air thoiseach às dèidh 18 mionaidean.

Bha a dhà eile aca bho Iain Robinson is Chris Sellar is leth uair a thìde fhathast ri chluich.

Bàrr

Chuir Robinson crìoch air cùisean sa mhionaid mu dheireadh is buaidh 4-0 a' cur a' Bhaile Ùir air ais aig bàrr na lìge.

Tha Caol Bhòid air an tòir, ged a bha fìor dhùbhlan acasan an aghaidh nan Sgitheanach ann an Taigh na Bruaich.

B'e theab is nach do theab a bh' ann dha na h-eileanaich is an geama co-ionnan 0-0 a' dol a-steach dha na mionaidean mu dheireadh.

Nochd an uairsin Ruairidh Dòmhnallach (81) is Gòrdan Whyte (84) is Caol Bhòid a' faighinn às le na puingean air a' cheann thall.

Bha misneach an seo dha na Sgitheanaich, ge-tà, is iad a' cumail ceann a' mhaide ri tè de na sgiobaidhean as làidire san spòrs, ged a bha Shockie MacIllinnein, Will Cowie is Steafan Moireasdan - is feadhainn eile - a dhìth orra.

Anmoch

Anns na geamaichean eile sa Phrìomh Lìog, thug tadhal anmoch sa gheama puing dha Loch Abar an aghaidh Cheann Loch Seile, an geama a' crìochnachadh 1-1.

Ann am Bàideanach bha Gleann Urchadain air thoiseach 2-0 is 3-1 ach thill Ceann a' Ghiuthsaich orra 'son glèidheadh 4-3.

Tha sin a' fàgail gu bheil Ceann Loch Seile, Camanachd an Òbain is Ceann a' Ghiuthsaich uile còmhla ri Baile Ùr an t-Slèibh is Caol Bhòid air 7 puingean.

Chan eil an seusan ach aig ìre thràth, ach bidh iomagain air a' Ghleann mun t-suidheachadh acasan faisg air bonn na lìge.

Bha Will Cowie ann an dàrna sgioba an Eilein Sgitheanaich an aghaidh na Manachainn is e dìreach air tilleadh às na Stàitean Aonaichte.

Chan e an geama a b' fheàrr a bh' ann is chaidh na puingean air ais dhan Mhanachainn, Marc MacLachlain leis an aon thadhal is gun ach trì mionaidean air fhàgail.

Bonn

Thuit Camanachd Leòdhais gu bonn Lìog Tuath 2 às dèidh dhaibh call 2-1 an aghaidh Inbhir Nis aig Pàirc a' Bhucht.

Bha Inbhir Nis air thoiseach 1-0 aig leth-ùine, is ged a chuir Pòl Duke tadhal dha na Leòdhasaich (62), fhreagair Inbhir Nis cha mhòr sa bhad le tadhal bho Stiùbhart MacRath (64).

B' ann mar sin a chrìochnaich e, 2-1 dha Inbhir Nis, is Eòghan 'Crosal' MacFhionghuin gu sònraichte làidir dhaibh.

Tha na Leòdhasaich gus tòiseachadh air sreath gheamaichean aig an taigh an ath-mhìos, is bidh iad ag amas air puingean cho luath sa ghabhas gus an togail far bhonn na lìge.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile