"Uallach coimearsalta" a bu choireach?

Cemfjord Image copyright Caitlin Ditchfield
Image caption Chuir criutha bhàt-aiseig a bha a' dol seachad fios air na h-ùghdarrasan an dèidh dhaibh slige an Cemfjord fhaicinn.

Rinn aithisg air mar a chaidh bàta-bathair fodha far chost a Tuath na h-Alba co-dhùnadh gur dòcha gun robh an sgiobair a' faireachdain gun robh uallach coimearsalta air seòladh tron Chaol Arcach ann am fìor-dhroch shìde.

Chaidh an ochdnar criutha air a' Cemfjord - seachdnar às a' Phòlainn agus fear às na h-Eileanan Filipìneach - uile a bhàthadh.

Chaidh an Cemfjord air a beul foidhpe air an dàrna là den Fhaoilleach, 2015, air là de dh'aimsir mara anabarrach fiadhaich le sruth làidir a' tighinn an aghaidh geile gaoithe.

Chaidh aithisg Buidhne Sgrùdaidh nan Tubaistean Mara air an tachartas fhoillseachadh Diardaoin 's iad a' co-dhùnadh gun do chuir an droch shìde agus an dòigh san deach an Cemfjord thairis gu h-obann bacadh air a criutha bho bhith a' leigeil brath-èiginn no fiù 's fhaighinn a-mach àiste.

Bha an ath-là ann mus tainig e gu aire nan ùghdarrasan gun robh soitheach air chall sa Chaol Arcach, nuair a mhothaich criutha aiseig slige a' bhàta-bhathair, air a beul foidhpe sa mhuir.

Tha an aithisg ag ràdh gu bheil a h-uile cothrom ann gun robh an sgiobair a' faireachdainn gun robh uallach coimearsalta air an luchd saimeant a bha iad a' giùlain fhaighinn gu port cho luath 's a b' urrainn dha, agus gur e sin a thug air an Cemfjord a thoirt a-steach dhan Chaol Arcach air là cho corrach.

Fhuair an MAIB cuideachd gun robh am bàta a' fulang na h-uidhir de dh'easbhaidhean sàbhailteachd, ged nach eil iad den bheachd gun tug sin buaidh air an tubaist.

Tha a' Bhuidheann Sgrùdaidh air molaidhean sàbhailteachd a chur chun na companaidh leis an robh an Cemfjord, agus tha iad cuideachd air moladh dha na Maoir Chladaich ath-sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha sùil ga cumail air soithichean fhad 's a tha iad a' seòladh tron Chaol Arcach.