Dealbh dhen iasgair a tha a dhìth ga fhoillseachadh

Craig Reid Image copyright Police Scotland

Tha teaghlach an iasgair a thuit dhan mhuir bhon bhàta an Apollo an iar air Arcaibh air dealbh dhe a thoirt seachad.

Thuit Craig Reid, 25, à Inbhir Nis, dhan mhuir anns a' mhadainn Diluain.

Bha iomairt mhòr theasargainn ann ach cha deach Mgr Reid a lorg.

Thuirt Poilis na h-Alba agus Meur Sgrùdaidh nan Tubaistean Mara gun dèan iad rannsachadh.