Cluich cloinne

Cia mheud dhuibh a leughas gach manifesto mus dèan sibh roghainn aig àm an taghaidh?

Fiù 's am measg na feadhna nach d'rinn co-dhunadh rom foillseachadh, tha fios aig na pàrtaidhean gur beag an àireamh a thèid tro na foillseachain aca duilleag air dhuilleig.

Mar sin, tha na dealbhan cha mhòr cho cudromach ris na faclan.

Carson, ma-thà, an do chuir na Libearalaich Dheamocratach romhpa am foillseachan acasan a chur air bhog ann an ionad-cluiche?

An robh ìomhaigh Willie Rennie a' dol sìos an t-sleamhnag na deagh shamhla air na tha air fàire don phàrtaidh?

Neo, an e an fhìrinn gun d'ràinig iad am bonn mar-thà?

Spòrs

Air còmhdach an leabhrain fhèin tha Mgr Rennie a' nochdadh a-rithist a' cluich le blogaichean togail agus e a' feuchainn ris a' phàrtaidh aige a chur ri chèile a-rithist.

Sguir - sin spòrs gu leòr dhòmhsa.

Tha an dà shamhla a' cur an cèill na teachdaireachd gu bheil aire nan Lib Deamach air cloinn aig an taghadh seo.

Dan rèir-san, bha foghlam Albannach roimhe a-measg nan siostaman a b' fheàrr air an t-saoghal, ach chaidh rudeigin ceàrr on uair sin.

Airson sin a chur ceart, tha Mgr Rennie a' moladh ghnìomhan agus airgid.

Agus, gus nach bi e ro dhoirbh don chloinn - no dam pàrantan - is e suim shìmplidh air a bheil iad a-mach.

Smachd

Aig cridhe nam planaichean aca tha an sgillin a bu toil leotha cur air a' chìs chosnaidh - aig gach ìre - nuair a gheibh Holyrood smachd oirre bhon ath-bhliadhna.

A rèir an tomhais as ùir bho HMRC, thogadh sin còrr is £500m gach bliadhna a chosgadh na Lib Deamaich air foghlam.

Gu sònraichte, tha iad airson an t-airgead a chleachdadh gus foghlam-àraich a leudachadh, taic a thoirt do sgoilearan as na teaghlaichean as bochda, airgead a thoirt do cholaisdean agus gearraidhean comhairle a chàradh.

Thuirt Mgr Rennie gun robh an t-airgead a dhìth airson cruth-atharrachadh a thoirt air siostam foghlaim na h-Alba.

Agus, mas e sin a tha dhìth, their e gum chòir pàigheadh air a shon.

Is i ceist eile an toir e atharrachadh sam bith air staid a' phàrtaidh aige.

Soilleir

Phàigh na Lib Deamaich prìs mhòr aig an taghadh Albannach mu dheireadh nuair a chaill iad gach ball sgìreil aca air tìr-mòr mar thoradh air co-dhunadh Nick Clegg a dhol a-steach don cho-bhanntachd leis na Tòraidhean ann an 2010.

Air dòigh shoilleir, tha manifesto a' phàrtaidh am bliadhna gan toirt air ais gu linn Theàrlaich Cheanadaich nach maireann, a mhol cìsean na b' àirde gus pàigheadh airson seirbhisean.

Tha gu leòr air tachairt ann an Alba on uair sin.

Ach mas ann aig bonn na sleamhnaige a tha na Lib Deamaich an-dràsta, is dòcha nach urrainn dhaibh a-nis ach dol suas a-rithist.

Cluich cloinne?

Tha fios nach e - ach as bith dè thachras air latha an taghaidh fhèin, is fhiach beagan spòrs a bhith aca ro làimh.